A A A A A
Bible in one year
April 14

Lùcas 12:1-31
1. Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd.
2. Chan eil rud sam bith air a chòmhdach nach bi air fhoillseachadh, no falaichte nach tèid a dhèanamh aithnichte.
3. Mar sin, ge b' e dè a thuirt sibh anns an dorchadas, thèid a chluinntinn anns an t‑solas, agus an rud a chagair sibh sa chluais ann an seòmraichean uaigneach, thèid èigheach air mullach nan taighean.
4. “Tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, na biodh eagal oirbh on fheadhainn sin a mharbhas an corp, agus às dèidh sin aig nach eil an còrr aca a nì iad.
5. Ach seallaidh mi dhuibh cò e rom bu chòir eagal a bhith oirbh: biodh eagal an Aoin sin oirbh aig a bheil ùghdarras, às dèidh dha marbhadh, tilgeil do dh'Ifrinn. Seadh, biodh eagal an Aoin seo oirbh.
6. Nach eil còig gealbhoinn air an reic air dà sgillinn? Ach chan eil aon aca air a dhìochuimhneachadh mu choinneamh Dhè.
7. Dha‑rìribh tha eadhon fuiltean ur cinn uile air an àireamh. Na biodh eagal oirbh: tha sibhse nas luachmhoire na mòran ghealbhonn.
8. “Agus tha mise ag innse dhuibh, a h‑uile neach a dh'aidicheas mise mu choinneamh dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan cuideachd an làthair ainglean Dhè.
9. Ach ge b' e neach a dh'àicheas mise mu choinneamh dhaoine, thèid esan àicheadh mu choinneamh ainglean Dhè.
10. Agus a h‑uile neach a chanas facal an aghaidh Mhic an Duine, thèid a mhathadh dha, ach dhan neach a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh cha tèid mathanas a thoirt dha.
11. “Nuair a bheir iad sibh mu choinneamh nan sionagogan agus nan riaghladairean agus nan ùghdarrasan, na bithibh fo chùram a thaobh ciamar a dhìonas sibh sib' fhèin, no dè a chanas sibh,
12. oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh anns an uair sin fhèin dè a bu chòir dhuibh a ràdh.”
13. Thuirt cuideigin dhen t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, can rim bhràthair an oighreachd a roinn leam.”
14. Ach thuirt e ris, “A dhuine, cò a chuir mise nam bhritheamh no nam fhear‑roinn os ur cionn?”
15. An uair sin thuirt e ris, “Thoiribh an aire, agus gleidhibh sib' fhèin an aghaidh a h‑uile seòrsa sannt, oir chan ann ann am pailteas a sheilbh a tha beatha neach sam bith.”
16. Agus dh'innis e cosamhlachd dhaibh: “Bhuilich talamh duine beairteach pailteas toraidh,
17. agus smaoinich e ris fhèin, ‘Dè a nì mi a chionn 's nach eil àite agam anns an cruinnich mi mo thoradh?’
18. “Agus thuirt e, ‘Is e seo a nì mi: leagaidh mi sìos mo shaibhlean is togaidh mi saibhlean nas motha, agus cruinnichidh mi annta sin mo ghràn gu lèir agus mo mhaoin.
19. Agus canaidh mi rim anam, “Anaim, tha mòran de rudan matha agad air an tasgadh airson mòran bhliadhnaichean. Gabh fois, ith, òl, agus bi aighearach.”’
20. “Ach thuirt Dia ris, ‘Amadain! An oidhche seo fhèin thèid d' anam iarraidh uat. Agus na rudan sin a dh'ullaich thu, cò leis a bhitheas iad?’
21. “Is ann mar sin a bhitheas dhan neach a thaisgeas ionmhas dha fhèin, ach nach eil beairteach a thaobh Dhè.”
22. Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Mar sin, tha mise ag ràdh ribh, na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh'itheas sibh, no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh.
23. Oir is motha a' bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach.
24. Smaoinichibh mu na fithich: chan eil iadsan a' cur no a' buain, chan eil taigh‑stòir no sabhal aca; agus fhathast tha Dia gam beathachadh. Nach eil sibhse tòrr mòr nas luachmhoire na na h‑eòin!
25. Agus cò agaibh tro bhith fo chùram as urrainn barrachd ùine a chur ri a bheatha?
26. Mura h‑eil sibh an comas an rud as lugha seo a dhèanamh, carson a tha sibh fo chùram mun chòrr?
27. “Smaoinichibh mu na lilidhean, mar a tha iad a' fàs. Chan eil iad a' saothrachadh no a' snìomh. Ach tha mi ag ràdh ribh nach robh fiù 's Solamh fhèin na uile ghlòir air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.
28. Ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh an fheòir, a tha beò anns an achadh an‑diugh, agus a‑màireach air th' air a thilgeil dhan àmhainn, nach mòr nas motha a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creideimh?
29. Agus na siribh dè a tha sibh a' dol a dh'ithe, agus dè a tha sibh a' dol a dh'òl, agus na bithibh fo chùram.
30. Oir tha uile nàiseanan an t‑saoghail a' sireadh na rudan seo, ach is aithne dha ur n‑Athair gu bheil feum agaibh orra.
31. An àite sin siribh‑se a rìoghachd‑san agus bidh na rudan seo air an cuir ribh.