Lùcas 6:1-26 |
1. Air latha Sàbaid, fhad 's a bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair, spìon agus dh'ith a dheisciobail diasan arbhair, gan suathadh len làmhan. |
2. Ach thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Carson a tha sibh a' dèanamh an rud nach eil laghail a dhèanamh air an t‑Sàbaid?” |
3. Agus fhreagair Ìosa iad, “Nach do leugh sibhse an rud a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin is orrasan a bha còmhla ris: |
4. mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a ghabh e an t‑aran coisrigte, agus a dh'ith e e, agus a thug e cuideachd e dhaibhsan a bha còmhla ris — rud nach eil ceadaichte ach dha na sagartan a‑mhàin?” |
5. Agus thuirt e riutha, “Is e Mac an Duine Tighearna na Sàbaid.” |
6. Air Sàbaid eile chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg, agus bha duine an sin aig an robh a làmh dheas seargte. |
7. Rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire air, airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid, gus am faigheadh iad adhbhar airson casaid a chur na aghaidh. |
8. Ach b' aithne dha an smuaintean agus thuirt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, “Èirich, agus seas a‑mach anns a' mheadhan.” Agus dh'èirich esan, agus sheas e. |
9. An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Tha mise a' faighneachd dhuibh, a bheil e ceadaichte air an t‑Sàbaid math a dhèanamh no olc, beatha a shàbhaladh no a sgrios?” |
10. Agus às dèidh coimhead mun cuairt orra uile, thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Agus rinn e sin, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha. |
11. Agus bha iadsan air an lìonadh le cuthach agus rinn iad deasbad ri chèile a thaobh dè a dhèanadh iad ri Ìosa. |
12. Anns na làithean sin chaidh esan a‑mach chun na beinne a dhèanamh ùrnaigh, agus chuir e seachad fad na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia. |
13. Agus nuair a thàinig an latha, ghairm e air a dheisciobail agus thagh e dà fhear dheug asta, a dh'ainmich e cuideachd mar abstoil. |
14. Sìmon (a dh'ainmich e Peadar), Anndra a bhràthair, Seumas, Eòin, Philip, Bartolomèus, |
15. Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Sìmon ris an canar an t‑Eudmhoraiche, |
16. Iùdas mac Sheumais, agus Iùdas Iscariot, a thionndaidh na fhear‑brathaidh. |
17. Agus thàinig e a‑nuas leotha agus sheas e air àite còmhnard. Bha sluagh mòr dhe na deisciobail aige an sin agus buidheann mhòr de dhaoine o Iudèa uile agus Ierusalem agus o cheàrnaidh‑fairge Thìruis agus Shìdoin, |
18. a bha air tighinn ga èisteachd agus airson a bhith air an leigheas on galaran. Agus iadsan a bha air am buaireadh le spioradan neòghlan, bha iad air an leigheas. |
19. Agus dh'fheuch an sluagh uile ri beantainn ris, oir bha cumhachd a' tighinn às agus gan slànachadh uile. |
20. Agus a' togail a shùilean suas gu a dheisciobail, thuirt e: “Is beannaichte sibhse a tha bochd, oir is leibh rìoghachd Dhè. |
21. Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis, oir thèid ur sàsachadh. Is beannaichte sibhse a tha a' caoineadh a‑nis, oir nì sibh gàire. |
22. Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a dhùineas iad a‑mach sibh agus a bheir iad droch bheul dhuibh agus a dhiùltas iad mar olc ur n‑ainm, air sgàth Mhic an Duine. |
23. “Dèanaibh‑se gàirdeachas anns an latha sin, agus leumaibh le aoibhneas, oir seallaibh, is mòr ur duais ann an nèamh. Oir is ann mar sin a rinn an athraichean ri na fàidhean. |
24. “Ach is mairg dhuibhse a tha beairteach, oir fhuair sibh ur cofhurtachd. |
25. Is mairg dhuibhse a tha làn a‑nis, oir bidh acras oirbh. Is mairg dhuibhse a tha a' gàireachdainn a‑nis, oir nì sibh bròn is caoineadh. |
26. Is mairg dhuibhse nuair a bhruidhneas a h‑uile duine gu math mur deidhinn, oir is ann mar sin a rinn an athraichean ris na fàidhean brèige. |