Marcus 11:1-19 |
1. Nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem, air Betphage agus Betani, aig Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dhe dheisciobail, |
2. agus thuirt e riutha, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus cho luath 's a thèid sibh a‑steach ann gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e. |
3. Ma chanas neach sam bith ribh, ‘Carson a tha sibh a' dèanamh seo?’ canaibh ris, ‘Tha feum aig an Tighearna air agus cuiridh e air ais an seo sa bhad e.’” |
4. Dh'fhalbh iad agus fhuair iad searrach ceangailte aig doras, a‑muigh air an t‑sràid. Agus fhad 's a bha iad ga fhuasgladh, |
5. thuirt cuid dhen fheadhainn a bha nan seasamh an sin riutha, “Dè a tha sibh a' dèanamh, a' fuasgladh an t‑searraich?” |
6. Agus dh'innis iad dhaibh dè a bha Ìosa air a ràdh, agus leig iad leotha falbh. |
7. Thug iad an searrach gu Ìosa agus thilg iad an cuid aodaich uachdair air, agus shuidh esan air. |
8. Agus sgaoil mòran an t‑aodach uachdar aca air an rathad, agus sgaoil feadhainn eile geugan duilleagach a bha iad air a ghearradh bho na h‑achaidhean. |
9. Agus bha iadsan a bha a' dol air thoiseach, 's iadsan a bha a' leantainn ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna! ” |
10. “Is beannaichte an rìoghachd a tha ri thighinn aig ar n‑athair Daibhidh!” “Hosanna anns na h‑àrdan!” |
11. Chaidh Ìosa a‑steach a dh'Ierusalem, agus dhan teampall. Nuair a bha e air coimhead mun cuairt air a h‑uile rud, on a bha an uair mu thràth anmoch, chaidh e a‑mach gu Betani còmhla ris an dà fhear dheug. |
12. An ath latha, nuair a thàinig iad a‑mach à Betani, bha Ìosa acrach. |
13. A' faicinn o fhad' às craobh‑fhìge air an robh duilleach, chaidh e a dh'fhaicinn an lorgadh e rud sam bith oirre. Nuair a thàinig e thuice, cha do lorg e rud sam bith ach duilleach, oir cha b' e an t‑àm airson fìgean a bh' ann. |
14. Agus thuirt e rithe, “Na itheadh neach sam bith toradh dhìotsa gu bràth tuilleadh.” Agus chuala a dheisciobail e. |
15. An uair sin thàinig iad gu Ierusalem. Agus chaidh e a‑steach dhan teampaill is thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic 's a' ceannach san teampall a ruaigeadh a‑mach agus chuir e car de bhùird luchd‑malairt an airgid is cathraichean luchd‑reic nan calman. |
16. Agus cha leigeadh e le neach sam bith dad a ghiùlain tron teampall. |
17. Agus theagaisg e iad, ag ràdh riutha, “Nach eil e sgrìobhte: “‘Thèid taigh ùrnaigh airson a h‑uile nàisean a ghabhail air mo thaighsa, ach tha sibhse air uamh mhèirleach a dhèanamh dheth. ’” |
18. Agus chuala na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean seo agus bha iad ag iarraidh dòigh air a chur gu bàs, oir bha eagal orra uaithe, oir bha an sluagh uile fo mhòr‑iongnadh air sgàth a theagaisg. |
19. Nuair a thàinig am feasgar, chaidh iad a‑mach às a bhaile. |