A A A A A
Bible in one year
March 4

Marcus 8:22-38
22. Thàinig iad gu Betsaida, agus thug feadhainn thuige duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.
23. Agus rug e air làimh air an duine dhall agus threòraich e a‑mach às a bhaile e, agus às dèidh dha smugaid a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh'fhaighnich e dha, “A bheil thu a' faicinn sìon?”
24. Agus choimhead e suas, is thuirt e, “Tha mi a' faicinn dhaoine; tha iad a' coimhead coltach ri craobhan a' coiseachd.”
25. An uair sin chuir Ìosa a làmhan air a shùilean a‑rithist; agus choimhead gu geur air, agus fhuair e a fhradharc air ais, is chunnaic e a h‑uile sìon gu soilleir.
26. Agus chuir e gu a dhachaigh fhèin e, ag ràdh, “Na rach fiù 's dhan bhaile.”
27. Agus chaidh Ìosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi. Air an t‑slighe cheasnaich e a dheisciobail: “Cò a tha daoine ag ràdh a th' annam?”
28. Agus thuirt iad ris, “Eòin Baistidh, agus canaidh cuid eile Eliah, agus cuid eile aon dhe na fàidhean.”
29. Agus cheasnaich esan iad: “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?” Fhreagair Peadar e, “Is tusa an Crìosd.”
30. Agus thug e òrdugh dhaibh gun seo innse do neach sam bith ma dheidhinn.
31. Agus thòisich e a' teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus às dèidh trì latha èirigh a‑rithist.
32. Is thuirt e seo gu soilleir. Agus thug Peadar gu aon taobh e is thòisich e ga chronachadh.
33. Ach a' tionndadh agus a' faicinn a dheisciobal, chronaich e Peadar, ag ràdh, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.”
34. Agus ghairm e thuige an sluagh 's a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise.
35. Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa 's airson an t‑soisgeil, sàbhailidh esan i.
36. Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine an saoghal gu lèir a chosnadh agus a bheatha a chall?
37. Oir dè as urrainn do dhuine a thoirt seachad an àite a bheatha?
38. Oir ge b' e a ghabhas nàire mum dheidhinn‑sa agus m' fhaclan sa ghinealach adhaltranach is olc seo, bidh Mac an Duine cuideachd a' gabhail nàire dhethsan nuair a thig e ann an glòir Athar 's nan ainglean naomha.”