A A A A A
Bible in one year
March 30

Lùcas 5:1-16
1. Ach thachair, nuair a bha an sluagh a' teannadh dlùth ris airson facal Dhè a chluinntinn, gun do sheas e ri taobh loch Ghenesaret,
2. agus chunnaic e dà eathar aig oir an locha, ach bha na h‑iasgairean air a dhol a‑mach asta, agus bha iad a' nighe na lìn.
3. Agus chaidh e a‑steach a dh'aon dhe na h‑eathraichean, a bha le Sìmon, agus dh'iarr e air a dhol a‑mach beagan o thìr. Agus shuidh e sìos is theagaisg e an sluagh on eathar.
4. A‑nis nuair a sguir e a bhruidhinn, thuirt e ri Sìmon, “Thalla a‑mach dhan doimhne, agus leigibh sìos ur lìn airson glacadh.”
5. Agus fhreagair Sìmon agus thuirt e ris, “A Mhaighstir, shaothraich sinn gu cruaidh fad na h‑oidhche, agus cha do ghlac sinn rud sam bith. Ach air d' fhacal‑sa leigidh mi sìos na lìn.”
6. Agus nuair a bha iad air seo a dhèanamh, chuartaich iad àireamh mhòr èisg, agus bha na lìn aca a' briseadh.
7. Agus smèid iad air na companaich a bh' anns an eathar eile gus tighinn 's an cuideachadh. Agus thàinig iad agus lìon iad an dà eathar, gus an robh iad a' tòiseachadh air a dhol fodha.
8. Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo, thuit e sìos aig glùinean Ìosa, ag ràdh, “Theirig air falbh uamsa, a Thighearna, oir is e duine peacach a th' annam.”
9. Oir bhuail uabhas e fhèin agus iadsan uile a bha còmhla ris, air sgàth na ghlac iad de dh'iasg,
10. agus bha Seumas is Eòin, mic Shebede, a bha nan luchd‑compàirt le Sìmon, mar sin cuideachd. Agus thuirt Ìosa ri Sìmon, “Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.”
11. Agus nuair a bha iad air am bàtaichean a thoirt gu tìr, dh'fhàg iad a h‑uile rud is lean iad esan.
12. Fhad 's a bha esan ann an aon dhe na bailtean, thàinig duine làn de luibhre. Nuair a chunnaic e Ìosa, thuit e sìos air aghaidh agus ghuidh e air, “A Thighearna, mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”
13. Agus shìn Ìosa a làmh a‑mach agus bhean e ris, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad dh'fhàg an luibhre e.
14. Agus dh'àithn e dha gun innse do neach sam bith; “Ach thalla, agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus tairg ìobairt airson do ghlanaidh mar fhianais dhaibh, mar a dh'àithn Maois.”
15. Ach bu mhotha a sgaoileadh an t‑iomradh ma dheidhinn‑san, agus chruinnich sluagh mòr airson èisteachd ris agus airson a bhith air an slànachadh leis om bochdainnean.
16. Agus dheigheadh e air leth do dh'àiteachan fàsail, agus dhèanadh e ùrnaigh.