Marcus 8:1-21 |
1. Anns na làithean sin, nuair a chruinnich sluagh mòr a‑rithist, agus gun sìon aca ri ithe, ghairm Ìosa a dheisciobail thuige agus thuirt e riutha, |
2. “Tha truas agam ris an t‑sluagh a chionn 's gu bheil iad air a bhith còmhla rium a‑nis trì latha agus nach eil sìon aca ri ithe. |
3. Ma chuireas mi air falbh acrach iad gu an dachaighean, fannaichidh iad air an t‑slighe, agus tha cuid dhiubh air tighinn o astar fad' às.” |
4. Agus fhreagair a dheisciobail e, “Càit am bi neach sam bith an comas air gu leòr arain fhaighinn san àite fàsail seo airson an sàsachadh?” |
5. Agus dh'fhaighnich e dhaibh, “Cia mheud lof a th' agaibh?” Agus thuirt iadsan, “Seachd.” |
6. Agus thug e òrdugh dhan t‑sluagh suidhe sìos air an talamh. Agus ghabh e na seachd lofaichean, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha dheisciobail iad, airson an cur mun coinneamh; agus chuir iad sìos mu choinneamh an t‑sluaigh iad. |
7. Bha beagan de dh'èisg mheanbha aca cuideachd; agus às dèidh am beannachadh, dh'àithn e gum biodh iadsan cuideachd air an cur sìos mun coinneamh. |
8. Agus dh'ith iad agus chaidh an sàsachadh. Agus thog iad suas seachd basgaidean dhe na criomagan a bha a chòrr aca. |
9. A‑nis bha mu cheithir mìle an sin. Agus chuir e air falbh iad. |
10. Agus sa bhad chaidh e a‑steach dhan eathar còmhla ri a dheisciobail agus thàinig e gu ceàrnaidh Dhalmanuta. |
11. Thàinig na Pharasaich agus thòisich iad air argamaid ris, a' sireadh chomharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh. |
12. Agus ag osnaich gu domhainn na spiorad, thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo a' sireadh chomharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach tèid comharra a thoirt dhan ghinealach seo.” |
13. Agus dh'fhàg e iad, agus às dèidh dha a dhol a‑steach dhan eathar a‑rithist, chaidh e chun an taoibh eile. |
14. A‑nis bha na deisciobail air dìochuimhneachadh aran a thoirt leotha, agus cha robh aca ach aon lof nan cois san eathar. |
15. Agus thug e àithne dhaibh, ag ràdh, “Thoiribh an aire, bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach, agus mu thaois ghoirt Heroid.” |
16. Agus thòisich iad air deasbad, ag ràdh, “Tha seo a chionn 's nach eil aran againn.” |
17. Agus a' tuigsinn seo, thuirt Ìosa riutha, “Carson a tha sibh a' deasbad nach eil aran agaibh? An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near no a' tuigsinn? A bheil ur cridheachan fhathast air an cruadhachadh? |
18. A bheil sùilean agaibh is nach fhaic sibh agus a bheil cluasan agaibh is nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a' cuimhneachadh? |
19. Nuair a bhris mi na còig lofaichean airson nan còig mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?” Thuirt iad ris, “A dhà dheug.” |
20. “Nuair a bhris mi na seachd airson nan ceithir mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?” Agus thuirt iadsan, “Seachd.” |
21. Agus thuirt e riutha, “Ciamar nach eil sibh a' tuigsinn?” |