A A A A A
Bible in one year
March 29

Lùcas 4:31-44
31. Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile ann an Galile, agus bha e gan teagasg air an t‑Sàbaid,
32. agus bha iad fo iongnadh mu theagasg‑san, oir bha ùghdarras aig fhacal‑san.
33. Agus anns an t‑sionagog bha duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus dh'èigh e le guth mòr,
34. “À! Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu — Aon Naomh Dhè.”
35. Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às.” Agus nuair a bha an deamhan air esan a thilgeil sìos nam measg, thàinig e a‑mach às gun chron sam bith a dhèanamh air.
36. Agus bha iad uile fo iongnadh agus thuirt iad ri chèile, “Dè an seòrsa cainnt a tha an seo? Oir le ùghdarras is cumhachd tha e a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad a' tighinn a‑mach.”
37. Agus bha iomradh ma dheidhinn‑san a' dol a‑mach air feadh gach àite dhen cheàrnaidh mun cuairt.
38. Dh'èirich e às an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin. A‑nis bha màthair‑chèile Shìmoin a' fulang le fiabhras mòr, agus dh'fhaighnich iad do dh'Ìosa an cuidicheadh e i.
39. Agus sheas e os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh'fhàg e i. Agus dh'èirich i sa bhad, agus fhritheil i dhaibh.
40. A‑nis, fhad 's a bha a' ghrian a' dol fodha, chaidh iadsan uile a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis a thoirt thuige, agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.
41. Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.
42. Agus nuair a thàinig an latha, dh'fhalbh e agus chaidh e gu àite fàsail. Agus bha an sluagh ga shireadh agus thàinig iad thuige, agus dh'fheuch iad ri a chumail om fàgail.
43. Ach thuirt esan riutha, “Feumaidh mi soisgeul rìoghachd Dhè a shearmonachadh dha na bailtean eile cuideachd, oir is ann airson seo a chaidh mo chur a‑mach.”
44. Agus bha e a' searmonachadh ann an sionagogan Iudèa.