Bible in one year March 27
Lùcas 3:1-38 |
1. A‑nis anns a' chòigeamh bliadhna deug de rìoghachadh Thiberiuis Chèasair, nuair a bha Pontias Pìlat na riaghladair air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air ceàrnaidh Iturèa agus Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene, |
2. nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‑shagartan, thàinig facal Dhè gu Eòin mac Shachariah anns an fhàsach. |
3. Agus chaidh e dhan sgìre mu thimcheall Iòrdain gu lèir, a' searmonachadh baisteadh an aithreachais, airson mathanas pheacaidhean. |
4. Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar an fhàidh Isaiah: “Guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach, |
5. bidh a h‑uile gleann air a lìonadh, agus a h‑uile beinn agus cnoc air an ìsleachadh; agus bidh na rudan cama air an dèanamh dìreach, agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh, |
6. agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.’” |
7. Mar sin thuirt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach airson gum baisteadh e iad, “A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on chorraich a tha ri thighinn? |
8. Thugaibh a‑mach toraidhean iomchaidh an aithreachais. Agus na tòisichibh air cantainn rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo. |
9. Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin, gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.” |
10. Agus dh'fhaighnich an sluagh dha, “Dè, mar sin, a nì sinne?” |
11. Agus fhreagair esan iad, “Ge b' e aig a bheil dà bhad aodaich uachdair, roinneadh e leis an neach aig nach eil; agus an neach aig a bheil biadh, dèanadh e san aon dòigh.” |
12. Thàinig cìs‑mhaoir cuideachd airson a bhith air am baisteadh agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì sinne?” |
13. Agus thuirt esan riutha, “Na cruinnichibh càil a bharrachd air na chaidh òrdachadh dhuibh.” |
14. Dh'fhaighnich saighdearan cuideachd dha, “Agus sinne, dè a nì sinne?” Agus thuirt e riutha, “Na toiribh airgid o neach sam bith tro làimh làidir, no tro chasaidean‑brèige, agus bithibh toilichte le ur tuarastal.” |
15. Fhad 's a bha an sluagh a' feitheamh le dòchas agus na h‑uile a' reusanachadh nan cridheachan mu Eòin, am b' e an Crìosd a bh' ann, |
16. fhreagair Eòin iad uile, ag ràdh, “Tha mise gur baisteadh le uisge, ach tha Aon a' tighinn a tha nas cumhachdaiche na mise, agus chan eil mise airidh air barraill a chuarain fhuasgladh. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine. |
17. Tha a ghuit aige na làimh, airson an t‑ùrlar‑bualaidh aige a ro‑ghlanadh, agus a' chruithneachd a chruinneachadh dhan t‑sabhal aige, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.” |
18. Agus le mòran earalaichean eile, shearmonaich e an soisgeul dhan t‑sluagh. |
19. Ach bha Herod an tetrarc air cronachadh fhaighinn uaithe air sgàth Heròdiais, bean a bhràthar, agus air sgàth gach uilc a bha Herod air a dhèanamh, |
20. agus chuir e seo riutha uile: ghlas e Eòin anns a' phrìosan. |
21. A‑nis, nuair a bha an sluagh gu lèir air am baisteadh, agus Ìosa cuideachd air a bhaisteadh, agus e ag ùrnaigh, chaidh nèamh fhosgladh, |
22. agus thàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an cruth corporra mar chalman. Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, “Is tusa mo Mhac gràdhach, leatsa tha mi fìor thoilichte.” |
23. Nuair a thòisich Ìosa fhèin a mhinistrealachd bha e mu thrithead bliadhna a dh'aois. B' esan, mar a chaidh a shaoilsinn, mac Iòsaiph, mhic Heli, |
24. mhic Mhatait, mhic Lèbhi, mhic Mhelchì, mhic Ianna, mhic Iòsaiph, |
25. mhic Mhatatiah, mhic Àmois, mhic Nauim, mhic Esli, mhic Nagaidh, |
26. mhic Mhaait, mhic Mhatatiah, mhic Shemei, mhic Iòsaiph, mhic Iùdah, |
27. mhic Ioanna, mhic Rhesa, mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil, mhic Nèri, |
28. mhic Mhelchì, mhic Adi, mhic Chòsaim, mhic Elmadaim, mhic Èir, |
29. mhic Iosua, mhic Elieseir, mhic Iòrim, mhic Mhatait, mhic Lèbhi, |
30. mhic Shimeoin, mhic Iùdah, mhic Iòsaiph, mhic Iònaim, mhic Eliacim, |
31. mhic Mhelea, mhic Mhenna, mhic Mhatata, mhic Nàtain, mhic Dhaibhidh, |
32. mhic Iese, mhic Obeid, mhic Bhòais, mhic Shalmoin, mhic Naasòin, |
33. mhic Aminadaibh, mhic Admain, mhic Arni, mhic Esròim, mhic Phareis, mhic Iùdah, |
34. mhic Iàcoib, mhic Ìsaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachòir, |
35. mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala, |
36. mhic Chanàain, mhic Arphacsaid, mhic Shèim, mhic Nòah, mhic Lameich, |
37. mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhalelèil, mhic Chanàain, |
38. mhic Enòis, mhic Shèit, mhic Àdhaimh, mhic Dhè. |
|