A A A A A
Bible in one year
March 25

Lùcas 2:1-24
1. Anns na làithean sin chaidh òrdugh a‑mach o Chèasar Augustus an saoghal uile a bhith air a chlàradh.
2. (B' e seo a' chiad chlàradh a chaidh a dhèanamh nuair a bha Cuirinius na riaghladair air Siria.)
3. Agus chaidh iad uile gus a bhith air an clàradh, gach aon gu a bhaile fhèin.
4. Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh,
5. airson 's gum biodh e air a chlàradh còmhla ri Moire a bha fo ghealladh‑pòsaidh aige, agus i trom le leanabh.
6. Agus thachair, nuair a bha iad an sin, gun tàinig an t‑àm airson 's gun toireadh i an leanabh a‑steach dhan t‑saoghal.
7. Agus rug i a ciad‑ghin mic, agus phaisg i e ann an aodach‑suainidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e, a chionn 's nach robh àite anns an taigh‑òsta dhaibh.
8. Agus anns an aon dùthaich bha buachaillean anns na h‑achaidhean is iad a' cumail faire na h‑oidhche air an treud aca.
9. Agus nochd aingeal an Tighearna riutha, agus dheàlraich glòir an Tighearna mun cuairt orra, agus ghabh iad eagal mòr.
10. Ach thuirt an t‑aingeal riutha, “Na biodh eagal oirbh: oir seallaibh, tha mi a' toirt deagh sgeul thugaibh, a bhios na mhòr‑aoibhneas dhuibhse agus dhan t‑sluagh gu lèir.
11. Oir rugadh dhuibh an‑diugh, ann am baile Dhaibhidh, Slànaighear, agus is esan Crìosd an Tighearna.
12. Agus bidh seo na chomharra dhuibh: gheibh sibh an leanabh paisgte ann an aodach‑suainidh, agus na laighe ann am prasaich.”
13. Agus gu h‑aithghearr bha mòr‑shluagh de dh'armailt nèamhaidh còmhla ris an aingeal a' moladh Dhè agus ag ràdh:
14. “Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”
15. Nuair a dh'fhalbh na h‑ainglean bhuapa gu nèamh, thuirt na buachaillean ri chèile, “Rachamaid a‑nis gu Betlehem, agus faiceamaid an rud seo a th' air tachairt, a rinn an Tighearna follaiseach dhuinn.”
16. Agus dh'fhalbh iad nan cabhaig agus fhuair iad Moire is Iòsaph, agus an leanabh na laighe anns a' phrasaich.
17. Agus nuair a chunnaic iad sin, dh'aithris iad an rud a chaidh innse dhaibh mun phàiste seo.
18. Agus ghabh iadsan uile a chuala seo iongnadh mu na rudan a bha na buachaillean air innse dhaibh.
19. Ach ghlèidh Moire na rudan sin uile, a' meòrachadh orra na cridhe.
20. Agus thill na buachaillean, a' glòrachadh agus a' moladh Dhè airson nan rudan sin uile a chuala agus a chunnaic iad, dìreach mar a chaidh innse dhaibh.
21. Air an ochdamh latha, nuair a bha an t‑àm air tighinn airson a thimcheall‑ghearradh, chaidh Ìosa a thoirt air mar ainm, an t‑ainm a ghabh an t‑aingeal air mun deach a ghineadh anns a' bhroinn.
22. Agus nuair a chaidh làithean an glanaidh a choileanadh, a rèir lagh Mhaois, thug iad esan suas gu Ierusalem airson a thairgsinn dhan Tighearna.
23. (Mar sin tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, “Gach mac a dh'fhosglas a' bhrù, thèid naomh dhan Tighearna a ghabhail air” ).
24. Agus thairg iad ìobairt a rèir mar a tha e air a ràdh ann an lagh an Tighearna: “dà thurtar no dà chalman òg”.