A A A A A
Bible in one year
March 19

Marcus 15:25-47
25. Bha e naoi uairean sa mhadainn nuair a cheus iad e.
26. Bha sgrìobhadh a' chùis‑dìtidh na aghaidh ag ràdh: RÌGH NAN IÙDHACH.
27. Agus còmhla ris cheus iad dithis mhèirleach, aon air an làimh dheis agus aon air a làimh chlì.
28. Agus chaidh an sgriobtar a choileanadh a thuirt, “Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.”
29. Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn agus ag ràdh, “Ha! Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha,
30. sàbhail thu fhèin, is thig a‑nuas on chrann‑cheusaidh!”
31. San aon dòigh rinn na h‑àrd‑shagartan le na sgrìobhaichean magadh air nam measg fhèin, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shàbhaladh.
32. Thigeadh Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nis a‑nuas on chrann‑cheusaidh airson 's gum faic is gun creid sinn.” Thug iadsan cuideachd a chaidh a cheusadh còmhla ris droch bheul dha.
33. Nuair a thàinig meadhan‑latha, thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir gu trì uairean feasgar.
34. Agus aig trì uairean feasgar dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Eloi, Eloi, lema sabachtani? ” a tha a' ciallachadh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?”
35. Nuair a chuala cuid dhiubhsan a bha nan seasamh mun cuairt e, thuirt iad, “Èistibh, tha e ag èigheach air Eliah.”
36. Ruith fear dhiubh agus lìon e spong le fìon‑geur, agus chuir e air slat cuilce e; thug e dha e ri òl, ag ràdh, “Leigibh leis, faiceamaid an tig Eliah ga thoirt a‑nuas.”
37. Agus leig Ìosa èigh àrd às, is thug e suas an deò.
38. Agus chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na dhà phìos o mhullach gu bhonn.
39. Agus nuair a chunnaic an ceannard‑ceud, a bha na sheasamh ma choinneamh, gun tug e suas an deò san dòigh seo, thuirt e, “Gu fìrinneach b' e an duine seo Mac Dhè!”
40. Bha boireannaich cuideachd a' coimhead o phìos às; nam measg sin bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme.
41. Nuair a bha e ann an Galile, lean iadsan e agus rinn iad frithealadh dha, agus bha mòran bhoireannach eile ann a thàinig suas còmhla ris gu Ierusalem.
42. Agus nuair a bha am feasgar air tighinn, on a b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, 's e sin an latha ron t‑Sàbaid,
43. thàinig Iòsaph o Arimatèa, ball urramach dhen Chomhairle, a bha e fhèin cuideachd a' feitheamh airson rìoghachd Dhè, agus a' gabhail misneachd chaidh e a‑steach gu Pìlat, is dh'iarr e corp Ìosa.
44. Agus bha iongnadh air Pìlat gum biodh e marbh mu thràth. Agus a' gairm air a' cheannard‑ceud, dh'fhaighnich e dha an robh e marbh mu thràth.
45. Nuair a fhuair e a‑mach on cheannard‑ceud gu robh, thug e an corp do dh'Iòsaph.
46. Cheannaich Iòsaph anart, agus thug e a‑nuas e, agus shuain e ann an anart e, agus chuir e ann an tuam e a bh' air a ghearradh à creig. Agus roilig e clach an aghaidh beul an tuama.
47. Agus chunnaic Màiri Magdalen agus Màiri màthair Iòseis far an deach a chur na shìneadh.