Marcus 15:1-24 |
1. Cho luath 's a thàinig a' mhadainn chùm na h‑àrd‑shagartan, còmhla ri na h‑èildearan, na sgrìobhaichean agus a' Chomhairle gu lèir, co‑chomhairle. Cheangail iad Ìosa agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat e. |
2. Agus dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.” |
3. Agus chuir na h‑àrd‑shagartan mòran chasaidean air. |
4. Agus cheasnaich Pìlat a‑rithist e: “Nach eil freagairt agad? Seall na tha iad a' cur de chasaidean ort.” |
5. Ach cha do fhreagair Ìosa sìon tuilleadh, air chor is gun robh Pìlat fo iongnadh. |
6. Aig gach fèill bhiodh e a' leigeil ma sgaoil dhaibh aon phrìosanach a dh'iarradh iad. |
7. A‑nis bha fear dham b' ainm Barabas sa phrìosan còmhla ri na reubaltaich a bh' air murt a dhèanamh san ar‑a‑mach. |
8. Agus thàinig an sluagh suas agus thòisich iad air iarraidh air Pìlat gun dèanadh e dhaibh mar a b' àbhaist dha. |
9. Fhreagair Pìlat iad ag ràdh, “Am bu toigh leibh gun leiginn mu sgaoil dhuibh Rìgh nan Iùdhach?” |
10. Oir thuig e gum b' ann air sgàth an fharmaid a bha na h‑àrd‑shagartan air a thoirt thairis. |
11. Ach bhrosnaich na h‑àrd‑shagartan an sluagh airson 's, an àite sin, gun leigeadh e mu sgaoil Barabas. |
12. Agus a‑rithist thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a bu toigh leibh a dhèanainn leis an duine ris an can sibh Rìgh nan Iùdhach?” |
13. Ach dh'èigh iad air ais, “Ceus e!” |
14. Agus thuirt Pìlat riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?” Ach 's ann bu mhotha a dh'èigh iadsan, “Ceus e!” |
15. Mar sin, ag iarraidh an sluagh a shàsachadh, leig e mu sgaoil Barabas dhaibh, agus às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a sgiùrsadh, thug e thairis e airson 's gum biodh e air a cheusadh. |
16. Agus thug na saighdearan air falbh e a‑steach dhan lùchairt (is e sin am Praetorium ), agus ghairm iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir. |
17. Agus chuir iad aodach purpaidh air, agus às dèidh dhaibh droighinn fhighe nan crùn, chuir iad air e. |
18. Agus thòisich iad air fhàilteachadh, ag ràdh, “Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!” |
19. Agus bhuail iad a cheann le cuilc agus thilg iad smugaidean air, agus a' lùbadh an glùinean thug iad ùmhlachd dha. |
20. Agus às dèidh dhaibh magadh air, thug iad dheth an t‑aodach purpaidh is chuir iad a chuid aodaich fhèin air. Agus thug iad a‑mach e airson a cheusadh. |
21. Cho‑èignich iad duine a bha a' dol seachad, Sìmon o Chirène, athair Alecsandair is Rùfais, a bha a' tighinn a‑steach bhon dùthaich, airson crann‑ceusaidh Ìosa a ghiùlain. |
22. Agus thug iad e chun an àite dham b' ainm Golgota, a tha a' ciallachadh Àite Claiginn. |
23. Agus thabhainn iad fìon air a mheasgachadh le mirr dha, ach cha do ghabh esan e. |
24. Agus cheus iad e agus roinn iad a chuid aodaich, a' tilgeil chrann airson roghnachadh dè a bheireadh iad leotha. |