A A A A A
Bible in one year
March 13

Marcus 13:1-20
1. Agus fhad 's a bha e a' tighinn a‑mach às an teampall, thuirt aon dhe a dheisciobail ris, “Fhir‑Teagaisg, seall, nach sgoinneil na clachan 's nach sgoinneil na togalaichean!”
2. Agus thuirt Ìosa ris, “A bheil thu a' faicinn nan togalaichean mòra seo? Chan tèid aon chlach fhàgail air muin cloiche an seo nach tèid a leagail sìos!”
3. Agus fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola mu choinneamh an teampaill, chuir Peadar, Seumas, Eòin agus Anndra, ceist air gu prìobhaideach, ag ràdh,
4. “Innis dhuinne, cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann nuair a tha na rudan seo gu lèir gus a bhith air an coileanadh?”
5. Agus thòisich Ìosa air a ràdh riutha, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh.
6. Thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan,’ agus meallaidh iad mòran.
7. Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus fathannan mu chogaidhean, na bithibh fo dhragh. Feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast.
8. Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean‑talmhainn ann an iomadh àite; bidh gortan ann. Is iad seo toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.
9. “Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan.
10. Agus feumaidh an soisgeul an toiseach a bhith air a shearmonachadh dhan a h‑uile nàisean.
11. Agus nuair a bheir iad leotha sibh agus a bheir iad thairis sibh, na biodh cùram oirbh ro‑làimh a thaobh dè a chanas sibh, ach canaibh ge b' e dè a thèid a thoirt dhuibh aig an àm sin, oir chan e sibhse a tha a' bruidhinn ach an Spiorad Naomh.
12. “Bheir bràthair a bhràthair thairis gu bàs, agus athair a leanabh, agus èiridh a' chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bidh iad air an cur gu bàs.
13. Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa, ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh.
14. “Ach nuair a chì sibh ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’ na seasamh far nach bu chòir dhi a bhith (tuigeadh an leughadair), an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan.
15. Na tigeadh an neach a th' air mullach an taighe a‑nuas, 's na deigheadh e a‑steach airson rud sam bith a thoirt às a thaigh,
16. agus na tilleadh an neach a th' anns an achadh air ais a thogail aodaich uachdair leis.
17. Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban sna làithean sin!
18. Dèanaibh ùrnaigh nach tachair e sa gheamhradh.
19. Oir sna làithean sin bidh àmhghar ann nach fhacas a leithid o thoiseach a' chruthachaidh a chruthaich Dia gus a‑nis — agus nach bi ann tuilleadh.
20. Agus mura biodh an Tighearna air na làithean sin a ghiorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh. Ach air sgàth na feadhna thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean.