Marcus 7:1-13 |
1. Chruinnich na Pharasaich agus cuid dhe na sgrìobhaichean a bh' air tighinn o Ierusalem timcheall air. |
2. Agus chunnaic iad gun robh cuid dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan “neòghlan”, is e sin gun an nighe. |
3. (Oir chan ith na Pharasaich 's na h‑Iùdhaich gu lèir biadh mura nigh iad an làmhan gu faiceallach, a' cumail dualchas nan èildearan. |
4. Agus nuair a thig iad on mhargaidh, chan ith iad mura nigh iad iad fhèin. Agus tha mòran de rudan eile ann a chumas iad, mar nighe chupannan is phoitean is shoithichean umha is bheingean‑ithe ). |
5. Dh'fhaighnich na Pharasaich 's na sgrìobhaichean dha, “Carson nach eil do dheisciobail a' coiseachd a rèir dualchas nan èildearan, ach ag ithe arain le làmhan ‘neòghlan’?” |
6. Agus thuirt e riutha, “Is math a rinn Isaiah fàidheadaireachd mur deidhinn, a bhreug‑chràbhaichean; mar a tha e sgrìobhte: “‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridheachan fada uam. |
7. Is ann gu dìomhain a tha iad a' toirt adhraidh dhòmhsa, a' teagasg mar theagasg àitheantan dhaoine.’ |
8. “Tha sibh a' trèigsinn àithne Dhè agus a' cumail ri dualchas dhaoine.” |
9. Agus thuirt e riutha, “Tha dòigh mhath agaibh air àithne Dhè a chur gu aon taobh airson 's gun cùm sibh ri ur dualchas fhèin. |
10. Oir thuirt Maois, ‘Thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair,’ agus, ‘Ge b' e neach a mhallaicheas athair no màthair, thèid a chur gu cinnteach gu bàs.’ |
11. Ach tha sibhse ag ràdh, ma chanas duine ri athair no ri mhàthair: ‘Tha ge b' e dè a bhiodh sibh air fhaighinn uamsa na Chorban’ (is e sin, tiodhlac do Dhia), |
12. mar sin cha cheadaich sibh dha tuilleadh rud sam bith a dhèanamh dha athair no dha mhàthair, |
13. a' cur Facal Dhè an neo‑bhrìgh tro ur dualchas a tha sibhse a' toirt seachad. Agus tha sibh a' dèanamh mòran rudan dhen t‑seòrsa sin.” |