A A A A A
Bible in one year
February 8

Mata 24:29-51
29. “Sa bhad às dèidh àmhghar nan làithean ud, “‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh, agus cha toir a' ghealach a solas uaipe; tuitidh na rionnagan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.’
30. “An uair sin nochdaidh comharra Mhic an Duine ann an nèamh, 's an uair sin nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh, agus chì iad Mac an Duine a' tighinn air sgòthan nèimh, le cumhachd agus glòir ro mhòr.
31. Agus cuiridh e a‑mach na h‑ainglean aige le gairm àrd trompaid, agus cruinnichidh iad an fheadhainn thaghte aige o na ceithir gaothan, o aon cheann de nèimh gus an ceann eile.
32. “Ionnsaichibh cosamhlachd on chraoibh‑fhìge: cho luath 's a bhios a geug bog, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh faisg.
33. Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo uile, biodh fhios agaibh gu bheil e faisg, aig na dorsan fhèin.
34. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair na rudan seo uile.
35. Thèid nèamh agus talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.
36. “Ach a thaobh an latha sin no an uair, chan aithne do neach sam bith, fiù 's ainglean nèimh, no am Mac, ach dìreach an t‑Athair a‑mhàin.
37. Oir mar a bha làithean Nòah, mar sin bidh teachd Mhic an Duine.
38. Oir mar anns na làithean ron tuil, bha iad ag ithe 's ag òl, a' pòsadh 's a' toirt ann am pòsadh, gus an latha san deach Nòah a‑steach dhan àirc,
39. agus nach robh sìon a dh'fhios aca gus an tàinig an tuil, is thog i leatha iad uile. Mar sin bidh teachd Mhic an Duine.
40. An uair sin bidh dithis fhear anns an achadh; thèid fear a ghabhail agus thèid am fear eile fhàgail.
41. Bidh dithis bhoireannach a' bleith anns a' mhuileann; thèid aon tè a gabhail agus thèid an tèile a fàgail.
42. “Mar sin, dèanaibh faire, oir chan eil fios agaibh dè an latha air an tig ur Tighearna.
43. Ach bithibh cinnteach mun seo: nan robh fios air a bhith aig maighstir an taighe mun uair dhen oidhche san tigeadh am mèirleach, bhiodh e air faire a dhèanamh agus cha bhiodh e air a thaigh fhàgail airson 's gun deigheadh briseadh a‑steach ann.
44. Air an adhbhar sin, feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach eil sibh a' sùileachadh.
45. “Cò, mar sin, a tha na sheirbheiseach dìleas agus glic, a chuir a mhaighstir os cionn seirbheisich a thaighe, a thoirt am bìdh dhaibh aig an àm cheart?
46. Is beannaichte an seirbheiseach sin nuair a lorgas a mhaighstir e a' dèanamh mar seo nuair a thig e.
47. Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, suidhichidh e os cionn a chuid gu lèir e.
48. Ach ma chanas an seirbheiseach aingidh ud na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' dèanamh dàil,’
49. agus ma thòisicheas e air a cho‑sheirbheisich a bhualadh, agus air ithe is òl còmhla ri drungairean,
50. thig maighstir an t‑seirbheisich sin air latha anns nach eil sùil aige ris, agus aig uair nach aithne dha,
51. agus gearraidh e na phìosan e agus bheir e àite dha còmhla ri na breug‑chràbhaichean. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.