A A A A A
Bible in one year
February 4

Mata 22:23-46
23. Air an latha sin fhèin thàinig Sadusaich thuige, a chanas nach eil aiseirigh ann, agus cheasnaich iad e,
24. ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, thuirt Maois, ‘Ma chaochaileas duine gun chlann aige, feumaidh a bhràthair‑san a' bhean a phòsadh agus sliochd a thogail dha bhràthair.’
25. A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg‑ne. Phòs a' chiad fhear agus chaochail e, agus a chionn 's nach robh sliochd aige, dh'fhàg e a bhean dha bhràthair.
26. Mar sin cuideachd an dara 's an treas, gu ruig an seachdamh fear.
27. Agus mu dheireadh chaochail a' bhean.
28. Anns an aiseirigh, ma‑thà, cò dhen t‑seachdnar leis am bi i mar bhean? Oir bha i aca uile?”
29. Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha sibh ceàrr, a chionn 's nach aithne dhuibh na Sgriobtaran no cumhachd Dhè.
30. Oir san aiseirigh cha phòs iad, 's cha mhotha a thèid an toirt ann am pòsadh, ach tha iad mar ainglean air nèamh.
31. Ach a‑thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an rud sin a chaidh a ràdh ribh le Dia,
32. ‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib.’ Chan esan Dia nam marbh, ach nam beò.”
33. Agus nuair a chuala an sluagh seo, ghabh iad iongnadh ma theagasg‑san.
34. Ach nuair a chuala na Pharasaich gun robh Ìosa air na Sadusaich a chur nan tost, chruinnich iad còmhla.
35. Agus chuir aon dhiubh, fear‑lagha, ceist air airson a dhearbhadh:
36. “Fhir‑Teagaisg, cò i an àithne as motha san lagh?”
37. Thuirt e ris, “‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn.’
38. Is i seo an àithne as motha agus am prìomh thè.
39. Agus tha an dara tè coltach rithe seo: ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’
40. Air an dà àithne seo tha an Lagh gu lèir agus na Fàidhean a' crochadh.”
41. A‑nis fhad 's a bha na Pharasaich air an cruinneachadh còmhla, dh'fhaighnich Ìosa ceist dhaibh,
42. ag ràdh, “Dè ur beachd‑se mu Chrìosd? Cò dha a tha e na mhac?” Thuirt iadsan, “Do Dhaibhidh.”
43. Thuirt esan riutha, “Ciamar mar sin a ghabhas Daibhidh, san spiorad, ‘a Thighearna’ air? Ag ràdh:
44. “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: “Suidh aig mo dheas‑làimh gus an cuir mi do nàimhdean fod chasan.”’
45. “Ma ghabhas Daibhidh, mar sin, a Thighearna air, ciamar a tha e na mhac dha?”
46. Agus cha robh neach sam bith an comas facal freagairt a thoirt dha; cha mhotha a bu dùraig do neach sam bith, on latha sin suas, an còrr cheistean fhaighneachd dha.