A A A A A
Bible in one year
February 28

Marcus 6:30-56
30. Chruinnich na h‑abstoil timcheall air Ìosa agus dh'innis iad dha a h‑uile rud a rinn iad agus na theagaisg iad.
31. Agus thuirt e riutha, “Thigibh‑se air falbh leib' fhèin gu àite fàsail is gabhaibh fois airson ùine bhig.” Oir bha mòran a' tighinn 's a' falbh, agus cha robh ùine aca fiù 's airson ithe.
32. Agus chaidh iad air falbh san eathar gu àite fàsail leotha fhèin.
33. Ach chunnaic mòran iad a' falbh agus dh'aithnich iad iad, agus ruith iad ann air chois às na bailtean gu lèir agus ràinig iad air thoiseach orra.
34. Nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige riutha, a chionn 's gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille. Agus thòisich e air mòran rudan a theagasg dhaibh.
35. Mun àm seo bha e anmoch san latha; mar sin thàinig a dheisciobail thuige agus thuirt iad, “'S e àite fàsail a tha an seo agus tha an uair a‑nis anmoch.
36. Cuir air falbh iad airson 's gun tèid iad dhan tìr mun cuairt 's dha na bailtean, agus gun ceannaich iad dhaib' fhèin rudeigin ri ithe.”
37. Ach fhreagair esan iad, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad!” Agus thuirt iadsan ris, “An tèid sinn a cheannach luach ochd mìosan tuarastail de dh'aran agus gun toir sinn dhaibh e ri ithe?”
38. Ach thuirt esan riutha, “Cia mheud lof a th' agaibh? Thallaibh 's faicibh!” Agus nuair a fhuair iad a‑mach thuirt iad, “Còig, agus dà iasg.”
39. An uair sin dh'àithn e dhaibh uile suidhe sìos nam buidhnean air an fheur uaine.
40. Mar sin shuidh iad sìos ann am buidhnean, nan ceudan agus nan caogadan.
41. Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean is thug e iad dha dheisciobail airson an cur mu choinneamh nan daoine. Agus roinn e cuideachd an dà iasg nam measg gu lèir.
42. Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh.
43. Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan agus dhen iasg.
44. Agus b' iad an fheadhainn a dh'ith na lofaichean còig mìle fear.
45. Sa bhad thug e air a dheisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, gu Betsaida, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.
46. Às dèidh dha beannachd fhàgail aca, chaidh e suas dhan bheinn a dh'ùrnaigh.
47. Nuair a thàinig am feasgar, bha an t‑eathar am meadhan na mara, agus bha esan leis fhèin air tìr.
48. Chunnaic e iadsan a' strì ag iomradh a chionn 's gun robh a' ghaoth nan aghaidh. Mus do dh'èirich a' ghrian, thàinig e thuca, a' coiseachd air a' mhuir, agus bha e gus a dhol seachad orra,
49. ach nuair a chunnaic iad e a' coiseachd air a' mhuir, shaoil iad gum b' e taibhs a bh' ann, is dh'èigh iad,
50. oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo oillt. Ach sa bhad bhruidhinn e riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann; na biodh eagal oirbh.”
51. An uair sin chaidh e a‑steach dhan eathar còmhla riutha, agus sguir a' ghaoth. Agus bha iad uile‑gu‑lèir fo mhòr‑iongnadh,
52. bho nach robh iad air tuigsinn mu na lofaichean, oir bha an cridheachan air an cruadhachadh.
53. Nuair a bha iad air a dhol thairis, thàinig iad gu tìr aig Genesaret, agus dh'acraich iad air an tràigh.
54. Agus nuair a thàinig iad a‑mach às an eathar, sa bhad dh'aithnich na daoine e.
55. Ruith iad mun cuairt a' cheàrnaidh sin gu lèir agus thòisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiùlain air leapannan gu far an cuala iad esan a bhith.
56. Ge b' e càit an deach e, bailtean beaga, bailtean mòra, dhan dùthaich, chuir iad na daoine a bha tinn nan laighe sna h‑ionadan‑margaidh agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn fiù 's ri iomall aodaich. Agus na h‑uimhir 's a bhean ris, chaidh an leigheas.