A A A A A
Bible in one year
February 22

Marcus 3:20-35
20. An uair sin chaidh e dhachaigh, agus chruinnich an sluagh a‑rithist, air chor 's nach robh e an comas dhaibh fiù 's aran ithe.
21. Nuair a chuala a chàirdean seo, chaidh iad a‑mach airson grèim a ghabhail air, oir bha iad ag ràdh, “Tha e às a chiall.”
22. Agus bha na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem ag ràdh, “Tha seilbh aig Beelsebul air! Is ann tro uachdaran nan deamhan a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”
23. Agus ghairm e thuige iad agus thuirt e riutha ann an cosamhlachdan, “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?
24. Ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn dhan rìoghachd sin seasamh.
25. Agus ma bhios taigh roinnte na aghaidh fhèin, chan urrainn dhan taigh sin seasamh.
26. Agus ma tha an Sàtan air èirigh suas na aghaidh fhèin agus gu bheil e roinnte, chan urrainn dha seasamh, tha e crìochnaichte.
27. Ach chan urrainn do neach sam bith a dhol a‑steach do thaigh duine làidir agus a sheilbh a chreach mura ceangail e an duine làidir an toiseach, agus an uair sin creachaidh e a thaigh.
28. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun tèid a h‑uile peacadh a mhathadh do chloinn nan daoine, agus ge b' e dè na toibheuman a chanas iad;
29. ach ge b' e cò a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a‑chaoidh, ach tha e ciontach de pheacadh sìorraidh”,
30. airson 's gun tuirt iad, “Tha spiorad neòghlan aige.”
31. An uair sin thàinig a mhàthair agus a bhràithrean agus, a' seasamh a‑muigh, chuir iad fios thuige agus ghairm iad air.
32. Bha sluagh nan suidhe timcheall air, agus thuirt iad ris, “Tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh, gad shireadh.”
33. Agus fhreagair e iad, “Cò iad mo mhàthair agus mo bhràithrean?”
34. Agus a' coimhead mun cuairt orrasan a bha nan suidhe timcheall air, thuirt e, “Seallaibh, mo mhàthair agus mo bhràithrean!
35. Oir ge b' e a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”