Marcus 1:1-22 |
1. Toiseach soisgeul Ìosa Crìosd, Mac Dhè. |
2. Dìreach mar a tha e sgrìobhte ann an Isaiah am fàidh: “Seall, tha mi a' cur mo theachdaire air thoiseach ort, a dh'ullaicheas do shlighe; |
3. guth aoin ag èigheach anns an fhàsach, ‘Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’” |
4. Nochd Eòin, a' baisteadh anns an fhàsach agus a' searmonachadh baisteadh an aithreachais airson mathanas pheacaidhean. |
5. Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean. |
6. A‑nis bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, le crios leathair ma mheadhan, agus ag ithe lòcaist le mil fhiadhaich. |
7. Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh. |
8. Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.” |
9. Anns na làithean sin thàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile agus chaidh a bhaisteadh le Eòin anns an Iòrdan. |
10. Nuair a bha e a' tighinn a‑nìos às an uisge, chunnaic e na nèamhan gan reubadh fosgailte agus an Spiorad a' tighinn a‑nuas air mar chalman. |
11. Agus thàinig guth o nèamh ag ràdh, “Is tusa mo Mhac gràdhach, leatsa tha mi fìor thoilichte.” |
12. Sa bhad, chuir an Spiorad dhan fhàsach e. |
13. Agus bha e anns an fhàsach airson ceathrad latha air a bhuaireadh leis an t‑Sàtan. Agus bha e còmhla ri na beathaichean fiadhaich, agus bha na h‑ainglean a' frithealadh dha. |
14. A‑nis às dèidh do dh'Eòin a bhith air a chur an grèim, thàinig Ìosa a‑steach do Ghalile, a' searmonachadh soisgeul Dhè, |
15. agus ag ràdh, “Chaidh an t‑àm a choileanadh, agus tha rìoghachd Dhè faisg. Dèanaibh‑se aithreachas agus creidibh an soisgeul!” |
16. Agus a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta. |
17. Thuirt Ìosa riutha, “Thigibh às mo dhèidh‑sa, agus nì mi sibh nur n‑iasgairean air daoine.” |
18. Agus sa bhad dh'fhàg iad an lìn agus lean iad esan. |
19. Agus a' dol beagan air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair san eathar a' càradh an lìon. |
20. Sa bhad ghairm e iad, agus dh'fhàg iad Sebede an athair san eathar còmhla ris na fir a bh' air am fastadh, agus lean iad esan. |
21. Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum agus sa bhad air an t‑Sàbaid chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg. |
22. Agus bha iad fo iongnadh mu a theagasg‑san, oir theagaisg e mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b' ann mar na sgrìobhaichean. |