Mata 27:55-66 |
55. Bha tòrr bhoireannaich an sin a' coimhead o phìos às. Bha iad air Ìosa a leantainn o Ghalile airson frithealadh dha; |
56. nam measg bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais agus Iòsaiph, agus màthair mic Shebede. |
57. Nuair a thàinig am feasgar thàinig duine beairteach o Arimatèa, dham b' ainm Iòsaph, a bha e fhèin cuideachd na dheisciobal do dh'Ìosa. |
58. Chaidh esan gu Pìlat, agus dh'iarr e corp Ìosa. An uair sin dh'àithn Pìlat an corp a thoirt dha. |
59. Agus ghabh Iòsaph an corp agus shuain e ann an anart glan e |
60. agus shìn e na thuam nuadh fhèin e, a gheàrr e às a' chreig. Agus roilig e clach mhòr gu beul an tuama, agus dh'fhalbh e. |
61. Bha Màiri Magdalen agus a' Mhàiri eile nan suidhe an sin mu choinneamh an tuama. |
62. An ath latha, is e sin às dèidh Latha an Ullachaidh, chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich mu choinneamh Phìlait, |
63. ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’ |
64. Mar sin òrdaich gum bi an tuam air a dhèanamh tèarainte gus an treas latha, air eagal 's gun tig a dheisciobail agus gun goid iad air falbh e, agus gun can iad ris an t‑sluagh, ‘Dh'èirich e o na mairbh,’ agus bidh am mealladh mu dheireadh nas miosa na a' chiad mhealladh.” |
65. Thuirt Pìlat riutha, “Tha geàrd agaibh. Thallaibh, dèanaibh e cho tèarainte 's as aithne dhuibh.” |
66. Mar sin dh'fhalbh iad agus rinn iad an tuam tèarainte le bhith a' seulachadh na cloiche agus leis a' gheàrd. |