A A A A A
Bible in one year
February 12

Mata 26:26-50
26. Fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e is thug e dha na deisciobail e, agus thuirt e, “Gabhaibh, ithibh, is e seo mo chorp‑sa.”
27. Agus ghabh e thuige cupa, agus às dèidh dha taing a thoirt, thug e dhaibh e, ag ràdh, “Òlaibh uile às a seo,
28. oir is i seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a tha air a dòrtadh a‑mach airson mhòran airson mathanas pheachaidhean.
29. Tha mi ag ràdh ribh, chan òl mi à seo suas de thoradh seo an fhìonain gus an latha sin nuair a dh'òlas mi nuadh e còmhla ribhse ann an rìoghachd m' Athar.”
30. Nuair a bha iad air laoidh a sheinn chaidh iad a‑mach gu Beinn nan Crann‑Ola.
31. An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Bidh sibh uile air ur sgainnealachadh asam air an oidhche seo, oir tha e sgrìobhte: “‘Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda.’
32. “Ach às dèidh m' aiseirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile.”
33. Fhreagair Peadar e, “Ged a thèid iadsan uile an sgainnealachadh asad, cha tèid mise mo sgainnealachadh a‑chaoidh.”
34. Thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach, àicheidh tu mi trì tursan.”
35. Thuirt Peadar ris, “Ged a dh'fheumainn bàsachadh còmhla riut, chan àichinn thu.” Agus thuirt na deisciobail uile an aon rud.
36. An uair sin chaidh Ìosa còmhla riutha gu àite dham b' ainm Getsemane, agus thuirt e ri a dheisciobail, “Suidhibh‑se an seo, fhad 's a thèid mise a‑null an siud a dh'ùrnaigh.”
37. Agus thug e leis Peadar agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith tùrsach, agus air a bhuaireadh.
38. An uair sin thuirt e riutha, “Tha m' anam ro bhrònach, fiù 's gu bàs. Fuirichibh an seo agus dèanaibh faire còmhla riumsa.”
39. Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, “M' Athair, ma tha e an comas, leig leis a' chupa seo a dhol seachad orm. A dh'aindeoin sin, chan ann mar as toigh leamsa, ach mar as toigh leatsa.”
40. Agus thàinig e chun nan deisciobal agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thuirt e ri Peadar, “Seadh, nach b' urrainn dhuibh faire a dhèanamh còmhla rium airson uair a thìde?
41. Dèanaibh faire agus ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”
42. A‑rithist, an dara uair chaidh e air falbh agus rinn e ùrnaigh: “M' Athair, mas e 's nach urrainn dhan a seo a dhol seachad mura h‑òl mi e, do thoil‑sa gu robh dèante.”
43. Agus a‑rithist thàinig e agus fhuair e nan cadal iad, oir bha an sùilean trom.
44. Agus nuair a dh'fhàg e iad a‑rithist chaidh e air falbh, rinn e ùrnaigh an treas uair, ag ràdh na h‑aon bhriathran a‑rithist.
45. An uair sin thàinig e chun nan deisciobal agus thuirt e riutha, “A bheil sibh fhathast a' cadal 's a' gabhail fois? Seallaibh, tha an uair faisg air làimh, agus tha Mac an Duine air a bhrath do làmhan pheacach.
46. Èiribh! Rachamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!”
47. Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, agus sluagh mòr còmhla ris le claidheamhan agus cuaillean, o àrd‑shagartan agus èildearan an t‑shluaigh.
48. A‑nis bha an neach‑brathaidh air comharra a thoirt dhaibh, ag ràdh, “Am fear dhan toir mise pòg, 's e sin e; glacaibh e.”
49. Agus chaidh e dìreach gu Ìosa agus thuirt e, “Fàilte, a Rabaidh!” Agus phòg e e.
50. Thuirt Ìosa ris, “A charaid, dèan an rud a thàinig thu a dhèanamh.” An uair sin thàinig iad agus chuir iad an làmhan air Ìosa agus ghlac iad e.