2 Eòin 1:1-13 |
1. An t‑èildear, Chun na baintighearna thaghte agus a cuid chloinne, air a bheil gràdh agam ann am fìrinn, agus chan e mise a‑mhàin, ach cuideachd iadsan uile aig a bheil eòlas air an fhìrinn, |
2. air sgàth na fìrinne a tha a' fantainn annainn, agus a bhios còmhla rinn gu sìorraidh. |
3. Gu robh gràs, tròcair agus sìth còmhla rinn o Dhia an t‑Athair agus o Ìosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh. |
4. Rinn mi gàirdeachas mòr on a fhuair mi cuid dhem chloinn‑sa a' coiseachd san fhìrinn mar a fhuair sinn àithne on Athair. |
5. Agus tha mi a‑nis a' guidhe ort, a bhaintighearna, nach ann mar àithne ùr a tha mi a' sgrìobhadh thugad, ach an tè a bh' againn on toiseach, gum bu chòir dhuinn càch‑a‑chèile a ghràdhachadh. |
6. Agus is e seo gràdh, gum bu chòir dhuinn coiseachd a rèir àithntean‑san. 'S e seo an àithne, eadhon mar a chuala sibh on toiseach, gun coisicheadh sibh innte. |
7. Oir thàinig mòran mhealltairean a‑steach dhan t‑saoghal, chan eil iadsan ag aideachadh tighinn Ìosa Crìosd san fheòil — 's e an neach seo am mealltair agus an t‑ana‑crìosd. |
8. Thoiribh an aire nach caill sibh na dh'obraich sinn air a shon, ach gum faigh sibh làn‑dhuais. |
9. Neach sam bith a thèid ro fhada agus nach fan ann an teagasg Chrìosd — chan eil Dia aige; an neach a dh'fhanas san teagasg, tha an dà chuid, an t‑Athair agus am Mac, aigesan. |
10. Ma thig neach sam bith thugaibh agus nach toir e leis an teagasg seo, na gabhaibh a‑steach dhur taigh e, agus na cuiribh fàilte air. |
11. Oir tha compàirt aig an neach a chuireas fàilte air, anns na droch obraichean aige. |
12. Tha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugaibh, ach chan eil mi airson pàipear is dubh a chosg. Agus tha dòchas agam tighinn thugaibh agus bruidhinn ribh aghaidh ri aghaidh airson 's gum bi ar sòlas làn. |
13. Tha clann do pheathar thaghte a' cur bheannachdan thugad. |