A A A A A
Bible in one year
December 5

1 Eòin 3:1-24
1. Seallaibh an seòrsa gràidh a tha an t‑Athair air a thoirt dhuinn, gun deigheadh clann Dhè a ghabhail oirnn. Agus 's e sin a th' annainn! Mar sin, chan aithne dhan t‑saoghal sinn a chionn 's nach b' aithne dha esan.
2. A mhuinntir ghràdhaichte, tha sinne a‑nis nar cloinn do Dhia, agus cha deach a dhèanamh follaiseach fhathast dè a bhios annainn. Ach tha fios againn nuair a nochdas e, gum bi sinn coltach ris, oir chì sinn e dìreach mar a tha e.
3. Tha gach neach aig a bheil an dòchas seo annsan ga fhìor‑ghlanadh fhèin, dìreach mar a tha esan fìorghlan.
4. Tha gach duine a tha a' peacachadh a' briseadh an lagh cuideachd, agus is e peacadh briseadh an lagh.
5. Ach tha fios agaibh gun do nochd esan gus ar peacaidhean a thoirt air falbh. Agus chan eil peacadh sam bith annsan.
6. Chan eil neach sam bith a tha a' fantainn annsan a' peacachadh. Chan fhaca agus cha b' aithne do neach sam bith esan, ma tha e a' peacachadh.
7. A chlann bheaga, na leigibh le neach sam bith ur cur air seachran. Tha an neach a tha ri fìreantachd, fìreanta, dìreach mar a tha esan fìreanta.
8. Tha an neach a tha ris a' pheacadh on diabhal, on a tha an diabhal air a bhith a' peacachadh on toiseach. B' ann air a shon seo a nochd Mac Dhè, airson 's gun cuireadh e às do dh'obraichean an diabhail.
9. Cha bhi neach sam bith a th' air a bhreith o Dhia ri peacadh, oir tha a shìol‑san a' fantainn ann; agus chan urrainn dha peacachadh on a tha e air a bhreith o Dhia.
10. Mar seo, tha e follaiseach cò iad clann Dhè agus cò iad clann an diabhail. Neach sam bith nach eil ri fìreantachd, chan eil e o Dhia, 's cha mhotha a tha neach sam bith aig nach eil gràdh dha bhràthair.
11. Oir is e seo an teachdaireachd a chuala sibh on toiseach, gum bu chòir gràdh a bhith againn air càch‑a‑chèile.
12. Na bithibh mar Chàin a bhuineadh dhan droch fhear agus a mhurt a bhràthair. Agus carson a mhurt e e? A chionn 's gun robh a ghnìomhan fhèin olc agus gun robh cuid a bhràthar fìreanta.
13. Na cuireadh e iongnadh oirbh, a bhràithrean, ma tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
14. Tha fios againn gun deach sinn o bhàs gu beatha, bhon a tha gràdh againn air na bràithrean. Neach sam bith aig nach eil gràdh, fanaidh e sa bhàs.
15. 'S e murtair a th' anns a h‑uile neach aig a bheil fuath dha bhràthair, agus tha fios agaibh nach eil a' bheatha shìorraidh a' fantainn ann am murtair sam bith.
16. 'S e seo mar a tha fios againn dè a th' ann an gràdh; oir shìn esan sìos a bheatha air ar son. Agus bu chòir dhuinne ar beatha a shìneadh sìos airson nam bràithrean.
17. Ach ge b' e cò aig a bheil sealbh‑beatha saoghalta 's a chì a bhràthair ann an èiginn agus nach seall truas dha, ciamar is urrainn gràdh Dhè fantainn annsan?
18. A chlann bheaga, na gràdhaicheamaid ann am facal no ann an teanga, ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.
19. Agus mar seo tha fios againn gum buin sinn dhan fhìrinn, agus gun toir seo dearbhachd dhar cridheachan na làthair‑san.
20. Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, tha Dia nas motha na ar cridhe, agus tha fios aigesan air a h‑uile sìon.
21. A mhuinntir ghràdhaichte, mura dìt ar cridhe sinn, tha misneachd againn mu choinneimh Dhè;
22. agus rud sam bith a dh'iarras sinn uaithe‑san tha sinn a' faighinn, oir tha sinn a' cumail àithntean agus a' dèanamh na thoilicheas esan.
23. Agus is i seo àithne: gun creideamaid ann an ainm a Mhic, Ìosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid càch‑a‑chèile, dìreach mar a dh'àithn e dhuinn.
24. Agus an neach a chumas àithntean, tha e a' fantainn ann, agus esan annsan. Agus mar sin tha fios againn gu bheil esan a' fantainn annainne: tron Spiorad a thug e dhuinn.