A A A A A
Bible in one year
December 31

Taisbeanadh 21:1-27
1. Agus chunnaic mi nèamh ùr is talamh ùr, oir chaidh a' chiad nèamh 's a' chiad talamh seachad, agus cha robh muir ann tuilleadh.
2. Agus chunnaic mi am baile naomh, an t‑Ierusalem ùr, a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia, air ullachadh mar bhean‑bainnse a bh' air a sgeadachadh airson a fir‑bainnse.
3. Agus chuala mi guth àrd on rìgh‑chathair ag ràdh, “Seall, pàillean Dhè còmhla ri daoine, agus nì e còmhnaidh còmhla riutha, agus bidh iadsan nan sluagh dhàsan is bidh e fhèin, an Dia a tha còmhla riutha, na Dhia dhaibh.
4. Agus suathaidh e air falbh a h‑uile deur on sùilean, agus cha bhi am bàs ann tuilleadh, no bròn, no gal; is cha bhi àmhghar ann nas motha, oir thèid na ciad rudan seachad.”
5. Agus thuirt esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, “Seall, tha mi ag ùrachadh a h‑uile sìon,” agus thuirt e, “Sgrìobh, oir tha na faclan seo dìleas agus fìor.”
6. Agus thuirt e rium, “Tha seo dèante, Is mise an t‑Alpha 's an t‑Omega, an toiseach 's an deireadh. Bheir mise dhàsan air a bheil pathadh, de dh'fhuaran uisge na beatha, an asgaidh.
7. Sealbhaichidh an neach a bheir buaidh na rudan seo mar oighreachd agus bidh mi nam Dhia dhàsan agus bidh esan na mhac dhòmhsa.
8. Ach dhaibhsan a tha gealtach is eas‑creidmheach is gràineil is nam murtairean is nan adhaltranaich is nam buidsichean is a tha ri iodhal‑adhraidh agus dha na breugairean gu lèir, bidh am pàirt‑san san loch a tha a' losgadh le teine 's le pronnasg. 'S e sin an dara bàs.”
9. Agus thàinig aon dhe na seachd ainglean aig an robh na seachd bobhlaichean làn dhe na seachd plàighean deireannach, agus bhruidhinn e rium, ag ràdh, “Thig an seo! Seallaidh mi dhut bean na bainnse, bean an Uain.”
10. Agus ghiùlain e mi air falbh san spiorad gu beinn mhòr is àrd, agus sheall e dhomh am baile naomh, Ierusalem — a' tighinn a‑nuas à nèamh o Dhia —
11. aig an robh glòir Dhè. Bha e deàlrach coltach ri clach phrìseil, mar chloich iaspair, mar chriostal.
12. Bha balla a' bhaile mòr is àrd, le dà gheata dheug agus aig na geataichean dà aingeal dheug agus bha ainmean sgrìobhte orra, as e ainmean dà threubh dheug chloinn Israeil.
13. Air an taobh an ear, trì geataichean, 's air an taobh a tuath trì geataichean, 's air an taobh a deas trì geataichean, 's air an taobh an iar trì geataichean.
14. Agus bha dà bhunait dheug aig balla a' bhaile agus orrasan bha dà ainm dheug dà abstol dheug an Uain.
15. Agus bha slat‑tomhais òir aigesan a bhruidhinn rium, gus an tomhaiseadh e am baile 's na geataichean aige 's na ballachan aige.
16. Agus bha am baile na laighe ceithir‑cheàrnach agus bha am fad aige uiread ris an leud, agus thomhais e am baile leis an t‑slat, 2,200 cilemeatair; agus bha am fad 's an leud 's an àirde aige co‑ionann.
17. Agus thomhais e am balla aige, 65 meatair, 's e sin tomhas an aingil.
18. Agus bha am balla air a thogail de dh'iaspar agus bha am baile de dh'òr fìorghlan, mar ghlainne fhìorghlan.
19. Bha bunaitean balla a bhaile air an sgeadachadh leis a h‑uile seòrsa cloich phrìseil, a' chiad bhunait de dh'iaspar, an dara de shaphir, and treas de chalsedon, an ceathreamh de dh'emerald,
20. an còigeamh de shardonics, an t‑siathamh de shàrdion, and t‑seachdamh de chrisolit, an t‑ochdamh de bheril, an naoidheamh de thopas, an deicheamh de chrisopras, an t‑aona fhear deug de iasint, an dara fear deug de dh'ametist.
21. Agus bha an dà gheata dheug nan dà neamhnaid dheug; bha gach aon dhe na geataichean de dh'aon neamhnaid, agus bha sràid a' bhaile de dh'òr fìorghlan, mar ghlainne thrìd‑shoilleir.
22. Agus chan fhaca mi teampall ann, oir is e an Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, agus an t‑Uan, a tha na theampall ann.
23. Agus cha robh feum aig a' bhaile air a' ghrèin no air a' ghealaich airson deàlrachadh ann, oir bha glòir Dhè ga shoilleireachadh, agus b' e a lampa an t‑Uan.
24. Agus coisichidh na nàiseanan na sholas, agus bheir rìghrean na talmhainn an glòir‑san a‑steach ann.
25. Agus cha bhi na geataichean aige idir dùinte tron latha, oir cha bhi oidhche an sin.
26. Agus bheir iad glòir is urram nan nàisean a‑steach ann.
27. Agus chan fhaod neach sam bith tighinn a‑steach ann a tha neòghlan, no a nì cleachdadh de ghràinealachd is de bhreug, ach a‑mhàin na feadhna a tha sgrìobhte ann an leabhar‑beatha an Uain.

Taisbeanadh 22:1-21
1. Agus sheall e dhomh abhainn uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a' dol a‑mach o rìgh‑chathair Dhè 's an Uain,
2. ann am meadhan na sràide aige. Agus air an taobh seo agus air an taobh eile dhen abhainn bha craobh na beatha a' toirt a‑mach dà thoradh dheug, a rèir na mìosa bheireadh i a‑mach an toradh aice, agus bha duilleagan na craoibhe airson slànachadh nan nàisean.
3. Agus cha bhi mallachadh sam bith ann tuilleadh agus bidh rìgh‑chathair Dhè agus an Uain ann, agus nì a sheirbheisich seirbheis dha.
4. Agus chì iad aghaidh‑san agus bidh an t‑ainm aige air clàr am bathaisean.
5. Agus cha bhi oidhche ann tuilleadh agus cha bhi feum aca air lampa no air solas na grèine, oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.
6. Agus thuirt e rium, “Tha na faclan seo dìleas is fìor, agus chuir an Tighearna, Dia spioradan nam fàidhean, an t‑aingeal aige a shealltainn dha sheirbheisich na dh'fheumas tachairt a dh'aithghearr.”
7. Agus seall, tha mi a' tighinn gu luath, “Is beannaichte an neach a ghleidheas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo.”
8. Agus is mise Eòin, a chuala 's a chunnaic na rudan seo. Agus nuair a chuala 's a chunnaic mi iad, thuit mi a dh'adhradh aig casan an aingil a dh'fhoillsich na rudan seo dhomh.
9. Agus thuirt e rium, “Feuch nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach a th' annam leatsa, agus led bhràithrean, na fàidhean, agus leothasan a tha gleidheadh faclan an leabhair seo. Dèan adhradh do Dhia!”
10. Agus thuirt e rium, “Na seulaich faclan fàidheadaireachd an leabhair seo, oir tha an t‑àm faisg.
11. Biodh an neach a tha neo‑fhìreanta, neo‑fhìreanta fhathast, agus an neach a tha salach, biodh e salach fhathast, agus an neach a tha fìreanta, biodh e fìreanta fhathast, agus an neach a tha naomh, biodh e naomh fhathast.”
12. “Seall, tha mi a' tighinn gu luath, agus tha mo dhuais agam, airson toirt do gach neach a rèir na h‑obrach aige.
13. Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega, a' chiad neach agus an neach deireannach, an toiseach agus an deireadh.
14. “Is beannaichte iadsan a tha a' nighe an culaidhean, gus am bi còir aca air craobh na beatha agus air a dhol a‑steach air na geataichean dhan bhaile.
15. Air an taobh a‑muigh tha na coin, is luchd na buidseachd is luchd an strìopachais is na murtairean is luchd an iodhal‑adhraidh agus a h‑uile neach a tha a' gràdhachadh 's a' cleachdadh na brèige.
16. “Chuir mise, Ìosa, m' aingeal a thoirt fianais dhuibhse mu na rudan seo, às leth nan eaglaisean. Is mise freumh is gineal Dhaibhaidh, reul dheàlrach na maidne.”
17. Agus tha an Spiorad 's bean na bainnse ag ràdh, “Thig!” agus an neach a chluinneas, canadh e, “Thig!” agus an neach air a bheil pathadh, thigeadh e, 's an neach a tha a' miannachadh, gabhadh e de dh'uisge na beatha an‑asgaidh.
18. Tha mi a' toirt fianais dhan a h‑uile neach a chluinneas faclan fàidheadaireachd an leabhair seo: Ma chuireas neach sam bith riutha, cuiridh Dia ris‑san na plàighean a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.
19. Agus ma bheir neach sam bith air falbh o fhacail leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia air falbh a phàirt‑san o chraobh na beatha 's às a' bhaile naomh, is dhe na rudan a th' air an sgrìobhadh san leabhar seo.
20. Tha an neach a tha a' toirt fianais air na rudan seo ag ràdh, “Seadh, tha mi a' tighinn gu luath.” Amen. Thig, a Thighearna Ìosa.
21. Biodh gràs ar Tighearna Ìosa còmhla ribh uile.