A A A A A
Bible in one year
December 30

Taisbeanadh 20:1-15
1. Agus chunnaic mi aingeal a' tighinn a‑nuas o nèamh aig an robh iuchair na h‑Àibheis is sèine mhòr na làimh.
2. Agus ghlac e an dràgon, an t‑seann nathair, as e an Diabhal agus Sàtan, is cheangal esan e airson mìle bliadhna.
3. Agus thilg e dhan Àibheis e agus dhùin e suas e is chuir e seula thairis air, airson 's nach b' urrainn dha na nàiseanan a mhealladh tuilleadh gus am biodh am mìle bliadhna air an coileanadh; às dèidh nan rudan sin feumaidh e a bhith air a chur mu sgaoil airson ùine ghoirid.
4. Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.
5. (Cha tàinig an còrr dhe na mairbh beò gus an deach mìle bliadhna a choileanadh.) Seo a' chiad aiseirigh.
6. Is beannaichte agus naomh an neach aig a bheil pàirt sa chiad aiseirigh; cha bhi cumhachd aig an dara bàs thairis orrasan, ach bidh iad nan sagartan do Dhia is do Chrìosd, agus riaghlaidh iad còmhla ris‑san airson mìle bliadhna.
7. Agus nuair a bhios am mìle bliadhna air a choileanadh, thèid Sàtan a chur mu sgaoil on phrìosan aige.
8. Agus thèid e a‑mach a mhealladh na nàiseanan a th' ann an ceithir ceàrnan an t‑saoghail, Gog is Magog, airson an cruinneachadh gu cogadh, 's iad air an àireamh mar ghainmheach na mara.
9. Agus chaidh iad suas thar leud na talmhainn is chuartaich iad campa nan naomh agus am baile gràdhaichte, is thàinig teine a‑nuas o nèamh agus sgrios e iad.
10. Agus bha an Diabhal, a tha gam mealladh, air a thilgeil dhan loch theine is phronnaisg, far an robh a' bhiast 's am fàidh‑bhrèige cuideachd, agus bidh iad air am pianadh a latha 's a dh'oidhche gu saoghal nan saoghal.
11. Agus chunnaic mi rìgh‑chathair mhòr gheal agus neach na shuidhe oirre. Theich talamh is nèamh o aghaidh‑san, 's cha robh àite ri fhaighinn dhaibh.
12. Agus chunnaic mi na mairbh, beag is mòr, nan seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach, agus chaidh leabhraichean fhosgladh; agus chaidh leabhar eile fhosgladh, as e leabhar na beatha, agus chaidh breith a thoirt air na mairbh a rèir na bha sgrìobhte sna leabhraichean, a rèir nan obraichean aca.
13. Agus thug a' mhuir suas na mairbh a bh' innte, agus thug am bàs is Ifrinn suas na mairbh a bh' anntasan, agus chaidh breith a thoirt air gach neach a rèir nan obraichean aca.
14. Agus chaidh am bàs is Ifrinn a thilgeil dhan loch theine. 'S e sin an dara bàs, an loch theine.
15. Agus ma bha neach sam bith nach robh air a lorg sgrìobhte ann an leabhar na beatha, bha e air a thilgeil dhan loch theine.