Taisbeanadh 17:1-18 |
1. Agus thàinig aon dhe na seachd ainglean aig an robh na seachd bobhlaichean agus bhruidhinn e rium, ag ràdh, “Trobhad, is seallaidh mi dhut breitheanas na strìopaiche mòire a tha na suidhe air mòran uisgeachan, |
2. leis an d' rinn rìghrean na talmhainn strìopachais is leis an deachaidh iadsan a bha a' còmhnaidh air thalamh a chur air mhisg le fìon a strìopachais.” |
3. Agus ghiùlain e mi air falbh dhan fhàsaich san spiorad agus chunnaic mi boireannach na suidhe air biast sgàrlaid a bha làn de dh'ainmean toibheumach, 's air an robh seachd cinn is deich adhaircean. |
4. Agus bha am boireannach air a h‑èideadh ann am purpaidh 's ann an sgàrlaid, agus air a sgeadachadh le òr is clach phrìseil is neamhnaidean. Bha cupa òir aice na làimh a bha làn de ghràinealachdan is neòghlaine a strìopachais. |
5. Agus air clàr a bathais bha ainm sgrìobhte: DÌOMHAIREACHD, BÀBILON MHÒR, MÀTHAIR NAN STRÌOPACHEAN AGUS GRÀINEALACHDAN NA TALMHAINN. |
6. Agus chunnaic mi am boireannach air mhisg le fuil nan naomh agus le fuil luchd‑fianais Ìosa. Agus nuair a chunnaic mi i, bha iongnadh mòr orm. |
7. Agus thuirt an t‑aingeal rium, “Carson a ghabh thu iongnadh? Innsidh mise dhut dìomhaireachd a' bhoireannaich 's na bèiste a tha ga giùlan, air a bheil seachd cinn is deich adhaircean. |
8. A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh — aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail — fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann. |
9. “Seo an inntinn aig a bheil gliocas; 's iad na seachd cinn seachd beanntan, air a bheil am boireannach na suidhe. Agus tha seachd rìghrean ann: |
10. thuit còignear dhiubh, tha aon ann agus aon nach tàinig fhathast, agus nuair a thig e feumaidh e fantainn beagan ùine. |
11. Agus a' bhiast a bha ann 's nach eil ann, is e seo an t‑ochdamh rìgh, agus tha esan dhen t‑seachd, agus thèid e gu sgrios. |
12. “Agus 's iad na deich adhaircean a chunnaic thu, deich rìghrean, nach eil air rìoghachd fhaighinn fhathast, ach gheibh iad ùghdarras mar rìghrean airson aon uair a thìde còmhla ris a' bhèist. |
13. Tha aon inntinn aca, agus tha iad a' toirt an cumhachd 's an t‑ùghdarras aca dhan bhèist. |
14. Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.” |
15. Agus thuirt e rium, “'S iad na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far an robh an strìopach na suidhe, daoine is slòigh is nàiseanan is teangannan. |
16. Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, agus a' bhiast, fuathaichidh iad an strìopach agus nì iad fàsail i, is rùisgte agus ithidh iad a feòil, is losgaidh iad i le teine. |
17. Oir chuir Dia nan cridheachan a thoil‑san a dhèanamh, agus nì iad i le aon inntinn agus bheir iad an rìoghachd dhan bhèist gus an tèid faclan Dhè a choileanadh. |
18. Agus am boireannach a chunnaic thu, is ise am baile mòr a tha a' riaghladh thairis air rìghrean na talmhainn.” |