A A A A A
Bible in one year
December 26

Taisbeanadh 16:1-21
1. Agus chuala mi guth àrd on teampall, ag ràdh ris na seachd ainglean, “Thallaibh, agus dòirtibh na seachd bobhlaichean de dh'fheirge Dhè air an talamh.”
2. Agus dh'fhalbh a' chiad fhear agus dhòirt e a‑mach a bhobhla air an talamh; agus thàinig neasgaid, dona is olc, air na daoine aig an robh comharra na bèiste, agus orrasan a rinn adhradh dha h‑ìomhaigh‑se.
3. Agus dhòirt an dara fear am bobhla aige dhan mhuir; agus thionndaidh i gu fuil, mar o neach a bha marbh, agus bhàsaich a h‑uile h‑anam a bha beò sa mhuir.
4. Agus dhòirt an treas aingeal am bobhla aige a‑mach dha na h‑aibhnichean, agus dha na fuarain uisgeachan; is thionndaidh iad gu fuil.
5. Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh: “Is fìreanta thusa a tha agus a bha, An Tì Naomh, oir thug thu breith air na rudan seo.
6. Oir dhòirt iad fuil nan naomh agus nam fàidhean agus thug thusa fuil dhaibh airson òl. Tha iad airidh air.”
7. Agus chuala mi neach on altair ag ràdh: “Seadh, a Thighearna Dhè, an t‑Uile‑Chumhachdach, fìor is fìreanta tha do bhreitheanasan.”
8. Agus dhòirt an ceathramh fear a‑mach am bobhla aige air a' ghrèin, agus chaidh ceadachadh dhàsan na daoine a losgadh ann an teine.
9. Agus chaidh na daoine a losgadh le teas mòr agus thug iad toibheum do dh'ainm Dhè, esan aig an robh ùghdarras thairis air na plàighean seo, agus cha do rinn iad aithreachas airson 's gun toireadh iad glòir dha.
10. Agus dhòirt an còigeamh fear a‑mach a bhobhla air rìgh‑chathair na bèiste. Agus dh'fhàs an rìoghachd aice dorcha, agus bha iad a' cagnadh an teangannan air sgàth an àmhghair.
11. Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson nan àmhgharan aca agus air sgàth nan neasgaidean aca agus cha do rinn iad aithreachas airson nan obraichean aca.
12. Agus dhòirt an siathamh fear am bobhla aige a‑mach air an abhainn mhòir, an Euphràtes, agus thiormaich an t‑uisge aice, gus an deigheadh slighe nan rìghrean ullachadh o èirigh na grèine.
13. Agus chunnaic mi a' tighinn o bheul an dràgoin is o bheul na bèiste is o bheul an fhàidh‑bhrèige, trì spioradan neòghlan mar losgannan.
14. Oir b' iad sin spioradan dheamhan, a' dèanamh chomharraidhean, a tha a' dol a‑mach gu rìghrean na talmhainn gu lèir airson an cruinneachadh gu cath latha mòr an Dè Uile‑Chumhachdaich.
15. (“Seall, tha mi a' tighinn mar mhèirleach: is beannaichte an neach a tha a' cumail faire agus a ghleidheas aodach‑san, airson 's nach coisich e rùisgte agus gum faic iad a nàire.”)
16. Agus chruinnich e còmhla iad dhan àite ris an canar ann an Eabhra, Armagedòn.
17. Agus dhòirt an seachdamh fear a‑mach am bobhla aige dhan adhar, agus thàinig guth àrd a‑mach às an teampall, on rìgh‑chathair, ag ràdh, “Tha e dèante.”
18. Agus bha dealanaich is fuaimean is tàirneanaich ann, agus thachair crith‑thalmhainn mhòr, a leithid is nach robh ann on a bha daoine air an talamh — crith‑thalmhainn cho cumhachdach, is cho mòr.
19. Agus chaidh am baile mòr a roinn na thrì pàirtean is thuit bailtean nan nàisean agus chaidh cuimhneachadh air Bàbilon mhòr mu choinneamh Dhè: airson cupa fìon caoch fheirge‑san a thoirt dhi.
20. Agus theich a h‑uile h‑eilean agus cha robh sgeul air na beanntan.
21. Agus thuit clachan‑meallain mòra sìos o nèamh — anns an robh ceathrad cileagram de chuideam — air na daoine, agus thug na daoine toibheum do Dhia airson na plàigh chlach‑mheallain, oir bha i na plàigh fìor mhòr.