A A A A A
Bible in one year
December 14

Taisbeanadh 4:1-11
1. Às dèidh nan rudan seo chunnaic mi, agus seall, doras fosgailte air nèamh, agus bha a' chiad ghuth a chuala mi mar thrombaid a' bruidhinn rium, ag ràdh, “Thig suas an seo, agus seallaidh mi dhut na dh'fheumas tachairt às dèidh nan rudan sin.”
2. Sa bhad, bha mi san Spiorad, agus seall, rìgh‑chathair air a suidheachadh air nèamh, agus neach na shuidhe air an rìgh‑chathair.
3. Agus bha dreach an fhir a bha na shuidhe mar chloich iaspair is shàrdioin agus bha bogha‑frois mu chuairt na rìgh‑chathrach coltach ri emerald.
4. Agus timcheall air an rìgh‑chathair bha fichead 's a ceithir rìgh‑chathraichean, agus air na cathraichean fichead 's a ceithir èildear nan suidhe, air an èideadh ann an aodaichean geala agus crùintean òir air an cinn.
5. Agus a‑mach às an rìgh‑chathair thàinig dealanaich is fuaimean is tàirneanaich. Agus bha seachd lampaichean teine a' losgadh mu choinneamh na rìgh‑chathrach; is iadsan seachd spioradan Dhè.
6. Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean — air am beulaibh 's air an cùlaibh.
7. Agus bha a' chiad chreutair beò mar leòmhann, agus an dara creutair beò mar laogh, agus bha aghaidh mar dhuine air an treas creutair beò, agus bha an ceathramh creutair beò mar iolair air sgèith.
8. Agus bha sia sgiathan air gach fear dhe na creutairean beòtha, agus timcheall orra 's air an taobh a‑staigh bha iad làn shùilean, agus chan eil iad a' gabhail fois a latha 's a dh'oidhche, ag ràdh: “Naomh, naomh, naomh, An Tighearna Dia, an t‑Uile‑Chumhachdach, Esan a bha agus a tha agus a tha ri thighinn.”
9. Agus nuair a bheir na creutairean beòtha glòir is urram is taing dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair, esan a tha beò gu saoghal nan saoghal,
10. tuitidh na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh‑san a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus nì iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus tilgidh iad an crùintean mu choinneamh na rìgh‑chathrach, ag ràdh:
11. “Is airidh thusa, a Thighearna ar Dia, air glòir is urram is cumhachd fhaighinn, oir chruthaich thusa a h‑uile sìon, agus a rèir do thoil‑sa thàinig iad gu bhith ann agus bha iad air an cruthachadh.”