A A A A A
Bible in one year
December 10

Iùdas 1:1-25
1. Iùdas, seirbheiseach Ìosa Crìosd agus bràthair Sheumais: Thucasan a th' air an gairm, gràdhaichte ann an Dia an t‑Athair, agus air an gleidheadh le Ìosa Crìosd.
2. Tròcair dhuibh agus sìth, is gum biodh gràdh air a mheudachadh dhuibh.
3. A mhuinntir ghràdhaichte, fhad 's a bha mi a' sgrìobhadh thugaibh leis a h‑uile dìcheall mu ar slàinte chumanta, b' fheudar dhomh sgrìobhadh thugaibh gur n‑earalachadh gun dèanadh sibh strì às leth a' chreideimh a bha aon uair air a thoirt dha na naoimh.
4. Oir tha daoine àraidh air èaladh a‑steach, a bha roimhe air an comharrachadh airson a' bhreitheanais seo, daoine ain‑diadhaidh, a tha a' tionndadh gràs Dhè gu feòlmhorachd, agus ag àicheadh ar n‑aon Mhaighstir is Tighearna, Ìosa Crìosd.
5. A‑nis tha mi ag iarraidh cuimhneachadh dhuibh, ged a bha fios agaibh aon uair air, gun do shàbhail an Tighearna sluagh o thìr na Èipheit, 's às dèidh sin gun do sgrios e iadsan nach do chreid.
6. Agus na h‑ainglean nach do ghlèidh an ciad inbhe ach a dh'fhàg an àite còmhnaidh fhèin, ghlèidh e iad ann an sèinichean shìorraidh fo dhorchadas, airson breitheanais an latha mhòir.
7. Mar Shodom is Ghomorah agus na bailtean mun cuairt orra, san aon dòigh, thug iadsan iad fhèin seachad do strìopachas agus chaidh iad às dèidh feòil eile, tha iad nan eisimpleirean a' fulang peanas teine sìorraidh.
8. Ach san aon dòigh tha na bruadaraichean seo a' truailleadh na feòla, a' diùltadh tighearnais, agus a' toirt toibheum do phearsachan glòrmhor.
9. Ach Mìcheal, an t‑àrd‑aingeal, nuair a bha e a' strì ris an diabhal agus a' deasbaireachd mu chorp Mhaois, cha robh de dhànadas aige na chuireadh casaid thoibheumach air, ach thuirt e, “Gun cronaicheadh an Tighearna thu!”
10. Ach na rudan nach eil na daoine sin a' tuigsinn, tha iad a' toirt toibheum dhaibh, ach na rudan a tha iad a' tuigsinn gu nàdarra, mar ainmhidhean gun reusan, tha iad gan truailleadh fhèin anns na rudan sin.
11. Is mairg dhaibh! Oir chaidh iad air slighe Chàin, agus ruith iad gu luath ann an seachran dhuais Bhalaaim, agus chaidh an sgrios ann an ana‑cainnt Chorah.
12. Tha iad seo nan smalan nur fèillean, nuair a tha iad gun eagal air chuirm còmhla ribh, gan ionaltradh fhèin; sgòthan gun uisge, air an giùlain mun cuairt le gaothan; craobhan foghair air nach eil toradh, dà thuras marbh, spìonte às na freumhaichean.
13. Suailean garbha a' chuain, a' cur uapa cop an nàire fhèin, rionnagan seachranach dha bheil duibhre an dorchadais air a ghleidheadh gu sìorraidh.
14. Agus cuideachd rinn Enoch, a bha dhen t‑seachdamh ginealach o Àdhamh, fàidheadaireachd mun deidhinn, ag ràdh, “Seall, thàinig an Tighearna le deich mìle dhen fheadhainn naomh aige,
15. airson breitheanais a dhèanamh air a h‑uile neach 's airson na h‑ain‑diadhaidh gu lèir a dhìteadh mun a h‑uile h‑obair ain‑diadhaidh a rinn iad ann an dòigh ain‑diadhaidh, agus mun a h‑uile rud cruaidh a thuirt peacaich ain‑diadhaidh na aghaidh.”
16. 'S e luchd‑brunndail is gearain a th' annta, a' gluasad a rèir an ana‑miannan fhèin, agus am beul ag ràdh briathran bòstail, a' toirt urram do phearsachan air sgàth buannachd.
17. Ach sibhse, a mhuinntir ghràdhaichte, cuimhnichibh na faclan a chaidh a ràdh roimhe le abstoil ar Tighearna Ìosa Crìosd,
18. gun tuirt iad ribh, “Anns na h‑amannan deireannach thig luchd‑magaidh, a' gluasad a rèir an ana‑miannan ain‑diadhaidh fhèin.”
19. 'S iad seo iadsan a nì sgaraidhean, daoine neo‑spioradail 's gun an Spiorad aca.
20. Ach sibhse, a mhuinntir ghràdhaichte, gur togail fhèin suas sa chreideamh as naomha, ag ùrnaigh san Spiorad Naomh,
21. cumaibh sib' fhèin ann an gràdh Dhè, a' feitheamh air tròcair ar Tighearna Ìosa Crìosd — gu beatha shìorraidh.
22. Agus dèanaibh tròcair orrasan a tha teagmhach,
23. agus sàbhailibh feadhainn eile, gan spìonadh às an teine, ach, le eagal, dèanaibh tròcair air cuid eile, a' fuathachadh eadhon an t‑aodach a th' air a thruailleadh leis an fheòil.
24. A‑nis dhàsan — a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, 's air ur nochdadh neo‑choireach fa chomhair a ghlòir, ann am mòr aoibhneas,
25. an aon Dia, ar Slànaighear, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna — gu robh glòir, mòralachd, cumhachd is ùghdarras, ro na linntean, agus a‑nis, agus gu sìorraidh! Amen.