A A A A A
Bible in one year
November 7

Eabhraidhich 3:1-19
1. Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.
2. Bha e dìleas dhàsan a dh'òrdaich e mar a bha Maois cuideachd na thaigh‑san gu lèir.
3. Oir chaidh esan a mheasadh airidh air barrachd glòire na Maois, dìreach mar a tha barrachd onair aig an fhear a thog e na th' aig an taigh fhèin.
4. Oir tha a h‑uile taigh air a thogail le cuideigin, ach 's e Dia a thog a h‑uile sìon.
5. Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh‑san gu lèir mar sheirbheiseach, mar theisteanas air na rudan a bha rin ràdh às dèidh sin.
6. Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.
7. Mar sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,
8. na cruadhaichibh ur cridheachan mar anns an ar‑a‑mach, air latha a' bhuairidh anns an fhàsach,
9. far an do bhuair ur n‑athraichean mi, dhearbh agus chunnaic iad mo ghnìomhan
10. fad dà fhichead bliadhna, air an adhbhar sin, bha fearg orm ris a' ghinealach sin, agus thuirt mi, ‘Tha iad an‑còmhnaidh air seachran nan cridhe, agus cha b' aithne dhaibh mo shlighean‑sa.’
11. Mar sin, mhionnaich mi nam fheirg ‘Cha tèid iad a‑steach dham fhois.’”
12. Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal math dh'fhaodte gum bi ann an aon fhear agaibh droch chridhe an eas‑creideimh, a dhèanadh sgaradh on Dia bheò.
13. Ach earalaichibh càch‑a‑chèile a h‑uile latha cho fad 's a bhios an‑diugh air a thoirt air, air sgàth 's nach bi duine agaibh air a chruadhachadh le mealltaireachd a' pheacaidh.
14. Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.
15. Mar a tha e air a ràdh: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan, mar anns an ar‑a‑mach.”
16. Oir nuair a chuala iad, cò a rinn ar‑a‑mach? Nach b' iadsan uile a thàinig a‑mach às an Èipheit le Maois?
17. Agus cò ris a bha e feargach fad dà fhichead bliadhna? Nach ann riuthasan a pheacaich, leis an robh na cuirp a thuit san fhàsach?
18. Agus cò iad dhan tug e mionnan nach rachadh iad a‑steach dha fhois, ach dhaibhsan a bha eas‑umhail?
19. Agus tha sinn a' faicinn nach b' urrainn dhaibh a dhol a‑steach air sgàth eas‑creideimh.