A A A A A
Bible in one year
November 28

1 Peadar 4:1-19
1. Mar sin seach gun do dh'fhuiling Crìosd san fheòil, armaichibh sibhse sib' fhèin cuideachd, leis an aon inntinn, oir an neach a dh'fhulaing san fheòil tha e deiseil dhen pheacadh,
2. airson 's nach bi sibh beò nas motha san ùine a th' air fhàgail ann an ana‑miannan dhaoine, ach ann an toil Dhè.
3. Oir bha an ùine a chaidh seachad ro‑phailt ann a bhith a' dèanamh toil nan Cinneach, a' dol air adhart ann am feòlmhorachd, ana‑miannan, drungaireachd, ruidhtearachd, cuirmean misgeil, agus iodhal‑adhradh truaillte.
4. Tha iad a' gabhail iongnadh nach eil sibhse a' ruith còmhla riutha san dearbh thuil de mhì‑mhoraltachd sin, a' toirt mì‑chliù dhuibh.
5. Iadsan a bheir cunntas dhan fhear a tha deiseil gus breith a thoirt air bheò is air mhairbh.
6. Oir b' ann airson an adhbhair seo gu dearbh a chaidh an soisgeul a shearmonachadh dha na mairbh, airson 's, ged a dheigheadh breith a thoirt orra mar dhaoine san fheòil, gum biodh iad beò a rèir Dhè san spiorad.
7. A‑nis tha deireadh gach nì air teannadh dlùth, mar sin bithibh ciallach is sòbarra air sgàth ur n‑ùrnaighean.
8. Ron a h‑uile nì, biodh gràdh eudmhor agaibh dha chèile, oir còmhdaichidh gràdh mòran pheacaidhean.
9. Bithibh aoigheil dha chèile gun ghearain.
10. Mar a fhuair gach neach tiodhlac, biodh e air a chleachdadh airson seirbheis a dhèanamh dha chèile, mar dheagh stiùbhardan dhen ghràs eadar‑dhealaichte aig Dia.
11. Ma bhruidhneas neach sam bith, dèanadh e sin mar neach a tha ag aithris faclan Dhè, ma mhinistrealaicheas neach sam bith, dèanadh e sin leis an neart a bheir Dia dha, gus am bi Dia air a ghlòrachadh sa h‑uile nì tro Ìosa Crìosd, dha bheil a' ghlòir agus an cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.
12. A luchd‑gràidh, na bithibh fo iongnadh a thaobh na deuchainn theinntich a tha a' tighinn oirbh, mar gum biodh rud neònach a' tachairt dhuibh,
13. ach san tomhas sa bheil sibh a' compairteachadh ann am fulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas, gus an dèan sibh cuideachd gàirdeachas is aoibhneas aig foillseachadh a ghlòir‑san.
14. Ma thèid dìmeas a dhèanamh oirbh airson ainm Chrìosd tha sibh beannaichte, oir nì spiorad na glòire agus Spiorad Dhè tàmh oirbh.
15. Oir na fulaingeadh neach sam bith agaibh mar mhurtair, no mar mhèirleach, no mar dhroch‑dhèanadair, no mar ghobaire.
16. Ach mas ann mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air, ach glòraicheadh e Dia san ainm seo.
17. Oir thàinig an t‑àm airson bhreitheanas tòiseachadh aig taigh Dhè, agus ma thòisicheas e againne, dè a' chrìoch a bhios ann dhaibhsan a tha eas‑umhail do shoisgeul Dhè?
18. Agus: “mas ann air èiginn a thèid an duine fìreanta a shàbhaladh, càit an nochd an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach?”
19. Mar sin cuideachd, iadsan a tha a' fulang a rèir toil Dhè, earbsadh iad an anman, ann a bhith a' dèanamh math, ri Cruthaidhear dìleas.