A A A A A
Bible in one year
November 26

1 Peadar 2:1-25
1. Mar sin cuiribh air falbh gach mì‑rùn is gach foill is cealgaireachdan is farmadan is a h‑uile cùl‑chàineadh.
2. Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, miannaichibh bainne spioradail fìor‑ghlan, gus am fàs sibh ann an sàbhalaidh leis,
3. ma bhlais sibh dha‑rìribh gu bheil an Tighearna math.
4. Fhad 's a tha sibhse a' tighinn thuigesan, clach bheò, a bh' air a diùltadh le daoine, ach le Dia, a bh' air a taghadh is prìseil,
5. agus tha sib' fhèin mar chlachan bheò, gur togail suas mar thaigh spioradail gu bhith nur sagartachd naomh, a thairgeas suas ìobairtean spioradail, tlachdmhor do Dhia, tro Ìosa Crìosd.
6. Oir tha e ag ràdh san Sgriobtar: “Seall, shuidhich mise ann an Sion clach‑oisein, thaghta, phrìseil, agus an neach a chreideas annsan cha tèid a nàireachadh.”
7. Mar sin dhuibhse a tha a' creidsinn, tha e prìseil, ach dha na h‑eas‑creidmheich: “A' chlach a chaidh a diùltadh leis an luchd‑togail, 's i a thàinig gu bhith na ceann na h‑oisein,”
8. agus, “Ceap‑tuislidh is creag oilbheim.” Tha iadsan a' tuisleadh a chionn 's gu bheil iad eas‑umhail dhan fhacal, mar a chaidh a ro‑òrdachadh dhaibh.
9. Ach tha sibhse nar ginealach taghta, sagartachd rìoghail, nàisean naomh, sluagh a tha nan seilbh aig Dia, gus an innis sibh sàr‑mhathas an fhir a ghairm sibh o dhorchadas gu a sholas glòrmhor fhèin.
10. Sibhse, aig aon àm, nach robh nur sluagh, ach a‑nis a tha nur sluagh aig Dia; sibhse nach robh air tròcair fhaighinn ach a‑nis a tha air tròcair fhaighinn.
11. Mo luchd‑gràidh, tha mi a' guidhe oirbh, mar choigrich is luchd‑cuairt, seachnaibh ana‑miannan na feòla, a tha a' cogadh an aghaidh an anma.
12. Biodh deagh dhòigh‑beatha agaibh am measg nan Cinneach, airson 's ge b' e dè a chanas iad nur n‑aghaidh mar luchd‑dèanamh‑uilc, le ur deagh obraichean fhaicinn, gun glòraich iad Dia ann an latha a thadhail‑san.
13. Bithibh umhail do dh'uile ùghdarras dhaoine air sgàth an Tighearna, ge b' ann do rìgh, mar neach ann an ùghdarras,
14. no do cheannardan mar fheadhainn a tha esan a' cur a‑mach airson dìoghaltais a dhèanamh air luchd‑dèanamh‑uilc, agus an fheadhainn a tha a' dèanamh math a mholadh.
15. Oir is e seo toil Dhè, gun cuireadh sibh gu tosd amaideas dhaoine gòrach le math a dhèanamh,
16. mar dhaoine saor 's chan ann a' cleachdadh ur saorsa mar chòmhdach airson uilc, ach mar sheirbheisich Dhè.
17. Thoiribh urram do gach neach, gràdhaichibh am bràithreachas, biodh eagal Dhè oirbh, thoiribh urram dhan rìgh.
18. A sheirbheisich, bithibh umhail dhar maighstirean leis a h‑uile h‑urram, chan ann dhan fheadhainn mhatha is chaomh a‑mhàin, ach cuideachd dhan fheadhainn chruaidh.
19. Oir tha seo ri mholadh, gun giùlain neach sam bith pian, air sgàth cogais a thaobh Dhè, nuair a tha e a' fulang gu mì‑chothromach.
20. Oir dè am math a th' ann ma ghiùlaineas sibh droinneadh nuair a pheacaicheas sibh? Ach ma dh'fhulaingeas sibh le foighidinn airson maith a dhèanamh, tha seo ri mholadh mu choinneamh Dhè.
21. Oir 's ann chun a seo a bha sibh air ur gairm, a chionn 's gun do dh'fhulaing Crìosd cuideachd air ar son‑se, a' fàgail eisimpleir agaibh airson 's gun leanadh sibh na cheumannan‑san:
22. “Esan nach do pheacaich 's nach robh air fhaotainn le foill na bheul.”
23. Nuair a chaidh droch‑bheul a thoirt dha cha tug e droch‑bheul air ais; nuair a dh'fhuiling e cha do bhagair e, ach thug e e fhèin thairis dhàsan a tha a' toirt breith gu fìreanta.
24. Ghiùlain esan fhèin ar peacaidhean na chorp air a' chraoibh, gus am bàsaicheadh sinne dhan pheacadh agus gus am biodh sinn beò do dh'fhìreantachd, “Leis na lotan aigesan chaidh ur slànachadh.”
25. Oir bha sibh mar chaoraich a bh' air seachran, ach a‑nis thill sibh gu buachaille agus fear‑coimhid ur n‑anman.