Eabhraidhich 11:17-40 |
17. Tro chreideamh, nuair a chaidh a dhearbhadh, thairg Abrahàm suas Ìsaac, agus bha esan a fhuair na geallaidhean a' tairgsinn suas aonghin mhic, |
18. ged a chaidh a ràdh ris, “Ach tro Ìsaac bidh do shliochd air ainmeachadh.” |
19. Bha e am beachd gu robh Dia comasach eadhon air a thogail o na mairbh, oir, a' bruidhinn gu samhlachail, fhuair e air ais e. |
20. Tro chreideamh, a thaobh nan rudan a bha ri tighinn, bheannaich Ìsaac Iàcob agus Esau. |
21. Tro chreideamh, nuair a bha e a' bàsachadh, bheannaich Iàcob gach fear dhe na mic aig Iòsaph, agus rinn e adhradh 's a chuideam air bàrr a bhata. |
22. Tro chreideamh, agus e a' bàsachadh, thug Iòsaph iomradh air dol a‑mach chlann Israil agus thug e òrdugh mu na cnàmhan aige. |
23. Tro chreideamh, nuair a rugadh Maois, chaidh a chur air falach fad thrì mìosan le a phàrantan, oir chunnaic iad gu robh am pàiste brèagha; agus cha robh eagal aca o òrdugh an rìgh. |
24. Tro chreideamh, nuair a dh'fhàs e mòr, dhiùlt Maois gun deigheadh mac nighean Phàraoh a thoirt air. |
25. Roghnaich e àmhghar fhulang còmhla ri sluagh Dhè seach toileachas a' pheacaidh a bhith aige airson greis. |
26. Mheas e gu robh masladh Chrìosd na bheairteas na bu motha na ionmhas na h‑Èipheit, oir bha e a' coimhead ris an ath‑dhìoladh. |
27. Tro chreideamh, dh'fhàg e an Èipheit gun eagal air ro fhearg an rìgh; oir lean e air mar gun robh e a' faicinn an Aoin a bha neo‑fhaicsinneach. |
28. Tro chreideamh, ghlèidh e a' Chàisg agus dòrtadh na fala, airson 's nach beanadh am fear a bha a' sgrios nan ciad‑ghin riutha. |
29. Tro chreideamh, chaidh iad tron Mhuir Ruadh mar gum b' ann tro thalamh tioram, ach nuair a dh'fheuch na h‑Èipheitich air seo a dhèanamh, chaidh am bàthadh. |
30. Tro chreideamh, thuit ballachan Iericho sìos nuair a bha iad air an cuartachadh fad sheachd latha. |
31. Tro chreideamh, cha deach Rahab, an strìopach, a sgrios còmhla ris na h‑ana‑creidmhich, nuair a ghabh i ris na beachdairean le sìth. |
32. Agus dè an còrr a chanas mi? Oir chan eil ùine agam innse mu Ghideon, mu Bharac is cuideachd mu Shamson is mu Iephtah, mu Dhaibhidh agus cuideachd mu Shamuel, agus mu na fàidhean, |
33. feadhainn, tro chreideamh, a cheannsaich rìoghachdan, a chuir ceartas an gnìomh, a fhuair geallaidhean, a dhùin beòil leòmhan, |
34. a mhùch cumhachd teine, a fhuair air falbh o fhaobhar a' chlaidheimh, a fhuair neart o laigse, a dh'fhàs làidir ann an cogadh agus a chuir ruaig air armailtean choimheach. |
35. Fhuair boireannaich air ais na mairbh aca tro aiseirigh, agus bha feadhainn eile air am pianadh, a' diùltadh a bhith air an saoradh airson aiseirigh na b' fheàrr fhaighinn. |
36. Dh'fhuiling feadhainn eile cuideachd fanaidean is sgiùrsaidhean, agus fiù 's ceanglaichean is prìosanachadh. |
37. Chaidh an clachadh, chaidh an sàbhadh às a chèile, bhàsaich iad leis a' chlaidheamh, bha iad a' dol mun cuairt ann an craiceannan chaorach agus ann an craiceannan ghobhar, ann an uireasbhaidh, air an ànradh agus air an droch‑làimhseachadh — |
38. cha robh an saoghal airidh orra, a' siubhal ann am fàsaichean, air beanntan, ann an uamhan agus ann an tuill san talamh. |
39. Agus ged a fhuair iad seo uile cliù tron chreideamh aca, cha d' fhuair iad na chaidh a ghealltainn, |
40. on a bha Dia air rudeigin na b' fheàrr a sholarachadh air ar son, gus nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe às ar n‑aonais. |