A A A A A
Bible in one year
November 16

Eabhraidhich 11:1-16
1. A‑nis 's e creideamh cinnt nan rudan ris a bheil dòchas againn, dearbhadh air na rudan nach fhaic sinn.
2. Oir 's ann troimhe a fhuair na sinnsirean teisteanas.
3. Tro chreideamh, tha sinne a' tuigsinn gun deach na saoghail a chruthachadh le facal Dhè airson 's gun tuig sinn nach deach na tha ri fhaicinn a chruthachadh o na tha faicsinneach.
4. Tro chreideamh, thairg Abel ìobairt na b' fheàrr do Dhia na rinn Càin, agus troimhpe chaidh cliù a thoirt dha mar dhuine ceart agus thug Dia seo dha mar thoradh air a thiodhlaicean, agus tro chreideamh, ged a fhuair e bàs, tha e fhathast a' bruidhinn.
5. Tro chreideamh, chaidh Enoch a thoirt suas airson 's nach fhaiceadh e bàs, agus cha robh e ri fhaighinn a chionn 's gu robh Dia air a thoirt suas: oir, mus deach a thoirt suas, fhuair e teisteanas gun do thoilich e Dia gu mòr.
6. Gun chreideamh, tha e do‑dhèanta a thoileachadh; oir feumaidh an neach a thig thuige creidsinn gu bheil e ann, agus gun toir e duais dhaibhsan a shireas e gu dìcheallach.
7. Tro chreideamh, fhuair Nòah rabhadh mu rudan nach deach fhaicinn fhathast, agus gu h‑urramach thog e àirc airson a theaghlach a shàbhaladh. Le seo, dhìt e an saoghal agus chaidh a dhèanamh na oighre air an fhìreantachd a tha a rèir a' chreideimh.
8. Tro chreideamh, nuair a chaidh Abrahàm a ghairm gus falbh a‑mach gu àite a bha e dol a dh'fhaighinn mar oighreachd, rinn e ùmhlachd agus dh'fhalbh e a‑mach gun fhios aige càit a robh e a' dol.
9. Tro chreideamh, dh'fhuirich e mar choigreach ann an tìr a' gheallaidh, mar ann an dùthaich chèin, a' còmhnaidh ann am pàilleanan còmhla ri Ìsaac is Iàcob, co‑oighreachan an aon gheallaidh.
10. Oir bha e a' feitheamh air baile le bunaitean, air a bheil Dia na dhealbhadair agus na fhear‑togail.
11. Tro chreideamh, fhuair Sàra fhèin, a bha neo‑thorrach, an comas sliochd a bhith aice, ged a bha i seachad air aois chloinne a bhith aice, a chionn 's gun do mheas i fìrinneach esan a rinn an gealladh.
12. Mar sin, thàinig gu bith, o aon duine, agus esan an ìre mhath gus a bhith marbh, sliochd a bha cho lìonmhor 's a tha reultan nèimh agus do‑àireamh mar ghainmheach tràighe na mara.
13. Fhuair iadsan uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaighinn, ach chunnaic 'ad iad fad' às agus ghabh iad riutha, ag aideachadh gu robh iad nan luchd‑cuairt agus nan coigrich air thalamh.
14. Oir tha an fheadhainn a bhruidhneas mar seo a' foillseachadh gu bheil iad a' sireadh an dùthaich fhèin.
15. Agus nan robh iad a' smaoineachadh air an tìr às an tàinig iad, bhiodh iad air cothrom fhaighinn airson tilleadh.
16. Ach bha iad a' miannachadh tìr na b' fheàrr, 's e sin, tìr nèamhaidh. Mar sin, chan eil nàire air Dia a bhith air ainmeachadh mar an Dia acasan; oir dh'ullaich esan baile dhaibh.