A A A A A
Bible in one year
November 11

Eabhraidhich 7:1-28
1. Oir b' e am Melchisedec seo, rìgh Shàleim, sagart an Dè as Àirde, a choinnich ri Abrahàm 's e a' tilleadh bho spadadh nan rìghrean agus bheannaich esan e,
2. is thug Abrahàm dha an deicheamh dhe a chuid gu lèir. Tha a' chiad mhìneachadh air ainm‑san a' ciallachadh “rìgh a' cheartais”, agus an uair sin cuideachd “rìgh Shàleim”, 's e sin “rìgh na sìthe”,
3. gun athair, gun mhàthair, gun shinnsireachd, gun toiseach làithean no deireadh beatha ach air a dhèanamh coltach ri Mac Dhè, fanaidh e na shagart gu sìorraidh.
4. A‑nis, beachdaichibh air cho cudthromach 's a tha an duine seo dhan tug am prìomh‑athair Abrahàm an deicheamh cuid dhen chreach.
5. Agus tha cùmhnant dha‑rìribh aig Mic Lèbhi nuair a ghabhas iad an t‑sagartachd orra fhèin, gu bheil còir aca air an deicheamh cuid o na daoine a rèir an lagha, 's e sin bhom bràithrean, ged a tha iadsan cuideachd de shliochd Abrahàim.
6. Ach thug esan aig nach eil sinnsireachd uapasan an deicheamh cuid bho Abrahàm agus bheannaich e am fear aig an robh na geallaidhean.
7. Gun teagamh sam bith, tha am fear as lugha air a bheannachadh leis an fhear as motha.
8. Air an aon làimh, is iad daoine bàsmhor a gheibh na deicheamhan; ach air an làimh eile gheibh esan iad dham bheil fianais air a thoirt gu bheil e fhathast beò.
9. Agus dh'fhaodadh e a bhith air a ràdh gu robh aig Lèbhi fhèin, am fear a tha a' faighinn deicheamhan, ri deicheamhan a thoirt seachad tro dh'Abrahàm,
10. oir bha e fhathast ann an corp athar nuair a thachair Melchisedec ris.
11. Mar sin, ma thàinig foirfeachd tron t‑sagartachd Lèbhitheach, on a fhuair daoine na laghannan aca air a' bhunait sin, carson a bha barrachd feum air sagart eile èirigh a rèir òrduigh Mhelchisedeic agus gun e idir air ainmeachadh a rèir òrdugh Aaroin?
12. Oir ma tha atharrachadh air an t‑sagartachd tha e mar fhiachaibh cuideachd gum bi atharrachadh air an lagh,
13. oir buinidh am fear mun deach na rudan sin a ràdh do threubh eile, agus cha do rinn duine dhen treubh seo seirbheis aig an altair.
14. Oir tha e gu math soilleir gun robh ar Tighearna de shliochd Iùdah, agus a thaobh na trèibh sin cha tuirt Maois sìon mu shagartan.
15. Agus gu deimhinn, tha e eadhon nas soilleire ma dh'èireas sagart eile coltach ri Melchisedec suas,
16. a tha a' nochdadh, chan ann a rèir lagha àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha nach gabh a sgrios.
17. Oir tha e ag ràdh: “Tha thu nad shagart gu bràth, a rèir òrduigh Mhelchisedeic.”
18. Tha an àithne seo air aon làimh air a cur gu aon taobh a chionn 's gu bheil i gun chumhachd agus gun bhuaidh
19. (oir cha tug an lagh sìon gu foirfeachd), ach air an làimh eile tha dòchas nas fheàrr air a thoirt a‑steach, tron tig sinn nas dlùithe do Dhia.
20. Agus thuige seo, bha sin gun mhionnan a dhèanamh oir chaidh sagartan a dhèanamh dhiubhsan gun mhionnan
21. agus chaidh esan a dhèanamh na fhear dhiubh le mionnan tron aon a thuirt ris: “Mhionnaich an Tighearna agus chan atharraich e inntinn: ‘Tha thu nad shagart gu bràth.’”
22. Is ann gu math nas fheàrr a tha an cùmhnant dhan deach Ìosa a dhèanamh na bharantas.
23. Oir air aon làimh bha mòran nan sagartan, a chionn 's gun do chuir am bàs bacadh orra bhon a bhith maireann;
24. ach air an làimh eile tha an t‑sagartachd aigesan gu sìorraidh, a' chionn 's gum mair e gu bràth.
25. Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.
26. Oir bha e riatanach gum biodh a leithid seo de dh'àrd‑shagart againne; naomh, neoichiontach, neo‑thruaillidh, air leth bho pheacaich agus air a dhèanamh nas àirde na na nèamhan,
27. fear nach fheum ìobairt a thairgsinn a h‑uile latha mar na h‑àrd‑shagartan eile, anns a chiad àite airson a pheacaidhean fhèin agus an uair sin airson feadhna nan daoine, a chionn 's gun do rinn e sin aon uair a‑mhàin nuair a thairg e e fhèin.
28. Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.