A A A A A
Bible in one year
November 10

Eabhraidhich 6:1-20
1. Air an adhbhar sin, fàgamaid air chùl teagasg bunasach Chrìosd, gus a dhol air adhart gu inbheachd, gun bhunait a stèidheachadh a‑rithist airson aithreachais o obraichean mharbha agus creideimh ann an Dia,
2. teagasg mu bhaistidhean 's mu shìneadh làmhan agus mu aiseirigh nam marbh 's mu bhreitheanas sìorraidh.
3. 'S e seo a nì sinn, ma cheadaicheas Dia.
4. Oir tha e do‑dhèanta dhaibhsan a chaidh a shoillseachadh aon uair, a bhlais an tiodhlac nèamhaidh 's a chaidh an dèanamh nan compàirtich dhen Spiorad Naomh,
5. agus a bhlais deagh fhacal Dhè agus cumhachdan na linne a tha ri thighinn,
6. agus a thuit air falbh, an t‑aithreachas aca ath‑nuadhachadh a‑rithist, oir tha iad a' ceusadh a‑rithist dhaib' fhèin Mac Dhè agus a' dèanamh culaidh‑mhagaidh phoblaich dheth.
7. Oir tha an talamh, a dh'òlas an t‑uisge a tha a' tuiteam air gu tric agus a chuireas a‑mach bàrr freagarrach dhaibhsan a tha ga obrachadh, a' faighinn beannachd Dhè.
8. Ach ma chuireas e a‑mach droigheann 's cluarain, tha e air a chur air chùl, an impis a bhith mallaichte agus 's e a' chrìoch aige a bhith air a losgadh.
9. Ach eadhon ma bhruidhneas sinn san dòigh seo, a luchd‑gràidh, tha ìmpidh oirnn rudan nas fheàrr a chreidsinn mur deidhinn‑se agus mu rudan a tha co‑cheangailte ri sàbhaladh.
10. Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh.
11. Tha miann againn gun seall gach neach agaibh an dearbh èasgaidheachd mu choileanadh ur dòchais chun an deiridh,
12. airson 's nach bi sibh leisg ach nur luchd‑leanmhainn orrasan a shealbhaicheas na geallaidhean tro chreideamh 's tro fhoighidinn.
13. Oir nuair a thug Dia a gheallaidhean do dh'Abrahàm, thug e mionnan air fhèin, a chionn 's nach robh aon nas motha na e fhèin ann air an toireadh e mionnan,
14. ag ràdh, “Gu dearbh, beannaichidh mi thu le beannachadh agus nì mi lìonmhor thu le lìonmhorachd.”
15. Agus tro bhith foighidneach san dòigh seo choisinn e an gealladh.
16. Oir bheir daoine mionnan air rudeigin nas motha na iad fhèin, agus tha mionnan barantais na cho‑dhùnadh dheireannach sa h‑uile connspaid eatorra.
17. San aon dòigh, bha Dia a' miannachadh gun tuigeadh oighrean a' gheallaidh gu coileanta nach gabhadh a thoil atharrachadh agus thug e mionnan cuideachd,
18. airson 's — tro dhà rud nach gabh atharrachadh, anns an robh e do‑dhèanta do Dhia breug a dhèanamh — gum biodh sinne a theich thuige airson dìdein air ar misneachadh gu làidir gus grèim a ghabhail air an dòchas a tha romhainn,
19. agus tha sin againne mar acair stèidhichte is cinnteach dhar n‑anam, 's a tha a' dol a‑steach air taobh a‑staigh a' chùirtear
20. far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.