Philipianach 4:1-23 |
1. Mar sin, mo bhràithrean, as gràdh leam 's as miann leam, m' aoibhneas is mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann san Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh. |
2. Tha mi a' guidhe air Euodias 's tha mi a' guidhe air Sintiche, a bhith a dh'aon inntinn san Tighearna. |
3. Seadh, tha mi ag iarraidh ortsa cuideachd, a chompanaich dhìleis, na boireannaich seo a rinn saothair còmhla riumsa san t‑soisgeul a chuideachadh, cuide ri Clemens 's an còrr dhem cho‑luchd‑obrach, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha. |
4. Dèanaibh gàirdeachas san Tighearna an‑còmhnaidh, a‑rithist canaidh mi, dèanaibh gàirdeachas. |
5. Biodh ur ciùineas follaiseach dhan a h‑uile neach. Tha an Tighearna faisg; |
6. na biodh cùram oirbh mu nì sam bith, ach sa h‑uile sìon, le ùrnaigh is guidhe, cuide ri buidheachas, biodh ur n‑iarrtasan air an dèanamh aithnichte do Dhia. |
7. Agus cumaidh sìth Dhè, a tha thar a h‑uile tuigse, ur cridheachan 's ur n‑inntinnean ann an Ìosa Crìosd. |
8. Mu dheireadh, a bhràithrean, ge b' e rudan a tha fìor, ge b' e rudan a tha urramach, ge b' e rudan a tha fìreanta, ge b' e rudan a tha fìorghlan, ge b' e rudan a tha àlainn, ge b' e rudan a tha ionmholta; ma tha sàr‑mhathas no nì sam bith ann a tha airidh air moladh, smaoinichibh air na rudan sin. |
9. Na rudan a dh'ionnsaich 's a fhuair sibh, 's a chuala 's a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh iad, agus bidh Dia na sìthe còmhla ribh. |
10. Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr san Tighearna, air sgàth 's gu bheil sibh mu dheireadh air ur cùram dhòmhsa ath‑ùrachadh; dha‑rìribh bha cùram oirbh, ach cha robh cothrom agaibh. |
11. Chan e gu bheil mi a' bruidhinn mu bhith ann an dìth, oir tha mi air ionnsachadh, ge b' e staid sa bheil mi, a bhith riaraichte. |
12. Is aithne dhomh a bhith air m' irioslachadh, agus is aithne dhomh cuideachd pailteas; ann an suidheachadh sam bith 's anns a h‑uile suidheachadh, tha mi air an dìomhaireachd a thaobh a bhith sàsaichte agus acrach ionnsachadh, an dà chuid pailteas a shealbhachadh is dìth fhulang. |
13. Is urrainn dhomh a h‑uile sìon a dhèanamh troimheasan a tha gam neartachadh. |
14. A dh'aindeoin sin, is math a rinn sibh compàirteachadh leam nam thrioblaid. |
15. Agus tha fios agaibhse cuideachd, Philipianacha, aig toiseach an t‑soisgeil, nuair a dh'fhàg mi Macedònia, nach do roinn eaglais sam bith riumsa a thaobh tabhairt is gabhail, ach sibhse a‑mhàin; |
16. oir eadhon ann an Tesalonìca chuir sibh cuideachadh thugam aon uair 's uair eile airson m' fheumalachdan. |
17. Chan e gu bheil mi ag iarraidh tiodhlaic, ach tha mi ag iarraidh an toraidh a dh'fhàsas pailt nur cunntas‑se. |
18. Ach tha mise air a h‑uile sìon a shealbhachadh 's tha pailteas agam; chaidh mo lìonadh às dèidh dhomh faighinn — o Epaphrodìtus — na chuir sibhse thugam: fàileadh cùbhraidh, ìobairt iomchaidh, fìor thlachdmhor do Dhia. |
19. Agus solaraichidh mo Dhia‑sa ur feumalachdan gu lèir a rèir a bheairteis ann an glòir ann an Crìosd Ìosa. |
20. A‑nis dhar Dia is dhar n‑Athair gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. |
21. Cuiribh fàilte air a h‑uile naomh ann an Crìosd Ìosa. Tha na bràithrean a tha còmhla rium a' cur fàilte oirbh. |
22. Tha na naoimh gu lèir a' cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair. |
23. Gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd gu robh còmhla ri ur spiorad‑se. |