A A A A A
Bible in one year
October 7

Philipianach 2:1-30
1. Mar sin, ma tha misneachd sam bith ann an Crìosd, ma tha cofhurtachd sam bith gràidh ann, ma tha co‑chomann sam bith an Spioraid ann, ma tha bàidh sam bith is truas ann,
2. coileanaibh mo ghàirdeachas le bhith dhen aon inntinn, dhen aon ghràdh, aonaichte ann an spiorad, agus dhen aon dòigh smaoineachaidh.
3. Na dèanaibh sìon à fèinealachd no pròis fhalamh, ach ann an irioslachd‑inntinn measaibh càch‑a‑chèile mar nas fheàrr na sib' fhèin.
4. Na sealladh gach neach air na rudan a bhuineas dha fhèin, ach cuideachd air na rudan a bhuineas do dhaoine eile.
5. Biodh an inntinn seo annaibhse a bha cuideachd ann an Ìosa Crìosd:
6. Esan, ged a bha e ann an cruth Dhè, nach do mheas co‑ionnanachd ri Dia mar nì air an dèanadh e grèim,
7. ach a dh'fhalamhaich e fhèin, a' gabhail cruth seirbheisich air fhèin, agus air a dhèanamh ann an coltas dhaoine.
8. Agus air fhaighinn ann an cruth duine, dh'irioslaich e e fhèin, le bhith a' fàs umhail gu bàs — eadhon bàs a' chroinn‑ceusaidh.
9. Air an adhbhar sin, dh'àrdaich Dia e gu ro‑àrd, agus bhuilich e ainm air os cionn gach uile ainme,
10. airson 's — do dh'ainm Ìosa — gun lùbadh gach glùin, de rudan a tha air nèamh agus air thalamh agus a tha fon talamh,
11. agus gun aidicheadh gach teanga gur e Ìosa Crìosd an Tighearna, gu glòir Dhè an t‑Athair.
12. Mar sin, a mhuinntir mo ghràidh, dìreach mar a tha sibh an‑còmhnaidh air a bhith umhail, chan ann mar nam làthair‑sa a‑mhàin, ach a‑nis nas motha buileach 's mi air falbh uaibh, obraichibh ur slàinte fhèin a‑mach le eagal is ball‑chrith,
13. oir is e Dia a tha ag obrachadh annaibh, an dà chuid airson rùnachadh 's airson obrachadh a rèir a dheagh thoil fhèin.
14. Dèanaibh a h‑uile sìon gun ghearan 's gun deasbaireachd
15. airson 's gum bi sibh neo‑choireach is neoichiontach, nur cloinn do Dhia, neo‑lochdach am meadhan ginealaich fhiair is chlaoin, agus nam measg tha sibhse a' deàlradh mar sholais san t‑saoghal,
16. a' cumail a‑mach facal na beatha, airson 's gun dèan mise bòst ann an Latha Chrìosd, nach do ruith mi gu dìomhain 's nach do shaothraich mi gu dìomhain.
17. Ach ma tha mi cuideachd air mo dhòrtadh a‑mach air ìobairt is seirbheis ur creideimh, tha mi toilichte 's a' dèanamh gàirdeachas còmhla ribhse uile.
18. San aon dòigh bithibh‑se cuideachd toilichte is dèanaibh gàirdeachas còmhla riumsa.
19. Ach tha mi an dòchas san Tighearna Ìosa, Timòteus a chur thugaibh a dh'aithghearr, airson 's gum bi mi cuideachd air mo mhisneachadh nuair a gheibh mi fios mur cor.
20. Oir chan eil duine sam bith agam dhen aon inntinn, a ghabhas fìor chùram mur staid.
21. Oir tha iad uile a' sireadh an gnothaichean fhèin, 's chan iad na rudan aig Ìosa Crìosd.
22. Ach is aithne dhuibh gun deach a dhearbhadh, gun do rinn e, mar mhac dha athair, seirbheis còmhla riumsa san t‑soisgeul.
23. Mar sin tha dòchas agam esan a chur thugaibh cho luath 's a chì mi mar a thèid dhomh fhèin,
24. agus tha earbsa agam san Tighearna gun tig mi fhèin thugaibh a dh'aithghearr cuideachd.
25. Ach shaoil mi gun robh e deatamach Epaphroditus — mo bhràthair 's mo cho‑obraiche 's mo cho‑shaighdear 's ur teachdaire‑se, agus an neach a fhritheil dham dhìth — a chur thugaibh.
26. Oir bha fadachd airsan air ur son‑se uile agus bha e tùrsach air sgàth 's gun cuala sibh gun robh e tinn.
27. Agus gu deimhinn bha e tinn, faisg air a' bhàs. Ach rinn Dia tròcair air, agus cha b' ann airsan a‑mhàin ach ormsa cuideachd, airson 's nach biodh bròn air muin bròin ormsa.
28. Mar sin tha mi air a bhith nas dùrachdaiche ga chur thugaibh airson 's, nuair a chì sibh a‑rithist e, gum biodh sibh toilichte agus gum bu lugha a bhiodh mo bhròn‑sa.
29. Air an adhbhar sin, gabhaibh ris anns an Tighearna leis a h‑uile toileachas, agus biodh meas mòr agaibh air an leithidean sin,
30. air sgàth 's gun tàinig e faisg air a' bhàs airson obair Chrìosd, a' cur a bheatha fhèin ann an cunnart, airson 's gun dèanadh e suas na bha a dhìth nur seirbheis‑se dhòmhsa.