A A A A A
Bible in one year
October 4

Ephèsianach 5:17-33
17. Mar sin na bithibh amaideach ach tuigibh dè i toil an Tighearna.
18. Agus na bithibh air mhisg le fìon, oir is e pòitearachd a tha an sin, ach bithibh air ur lìonadh leis an Spiorad,
19. a' bruidhinn ri chèile ann an sailm is laoidhean is òrain spioradail, a' seinn agus a' dèanamh ceòl le ur cridhe dhan Tighearna,
20. an‑còmhnaidh a' toirt taing airson a h‑uile sìon do Dhia an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd,
21. a' gèilleadh dha chèile ann an eagal Chrìosd.
22. A mhnathan‑pòsta, gèillibh dhur fir‑pòsta fhèin, mar dhan Tighearna.
23. Oir is e am fear‑pòsta ceann na mnà‑pòsta, mar is e Crìosd cuideachd ceann na h‑eaglaise; is esan e fhèin slànaighear a' chuirp.
24. Ach mar a tha an eaglais umhail do Chrìosd, mar sin cuideachd biodh na mnathan‑pòsta umhail dham fir‑pòsta fhèin sa h‑uile sìon.
25. Fheara‑pòsta, gràdhaichibh ur mnathan‑pòsta, dìreach mar a ghràdhaich Crìosd cuideachd an eaglais, agus a thug e e fhèin suas air a son,
26. airson 's gum faodadh e a naomhachadh, às dèidh dha a nighe le glanadh an uisge tron fhacal,
27. airson 's gum faodadh e an eaglais a nochdadh glòrmhor dha fhèin, gun smal no roc no nì sam bith dhen leithidean sin, ach gum biodh i naomh agus gun lochd.
28. Is ann mar sin a bu chòir dha na fir‑pòsta am mnathan‑pòsta fhèin a ghràdhachadh mar an cuirp fhèin. Esan a ghràdhaicheas a bhean‑phòsta, tha e ga ghràdhachadh fhèin.
29. Oir cha do dh'fhuathaich duine riamh fheòil fhèin, ach beathaichidh e i 's gabhaidh e cùram dhi, eadhon mar a tha an Tighearna a' dèanamh dhan eaglais,
30. oir tha sinn nar buill dhen chorp aige,
31. “Air an adhbhar seo fàgaidh duine athair agus a mhàthair, agus bidh e air aonadh ri bhean, agus bidh an dithis nan aon fheòil.”
32. Tha an dìomhaireachd seo mòr, ach tha mi a' bruidhinn mu Chrìosd 's mun eaglais.
33. A dh'aindeoin sin, thoireadh gach aon fa leth nur measg gràdh dha bhean fhèin mar dha fhèin, agus gun toir a' bhean‑phòsta urram dha fear.