2 Timòteus 4:1-22 |
1. Tha mi gad chur fo fhianais shòlaimte, mu choinneamh Dhè is Chrìosd Ìosa, esan a tha gus breith a thoirt air na beò 's na mairbh, agus leis an nochdadh aige 's an rìoghachd aige: |
2. searmonaich am facal, bi deiseil nuair a tha e goireasach 's nuair nach eil e goireasach, thoir am follais, cronaich, misnich, leis a h‑uile fhad‑fhulangas is theagasg. |
3. Oir thig an t‑àm nuair nach fhulaing iad teagasg fallain, ach a rèir an droch‑mhiann fhèin, le tachas nan cluas, cruinnichidh iad suas dhaib' fhèin luchd‑teagaisg. |
4. Agus tionndaidhidh iad an cluas air falbh on fhìrinn, is tionndaidhidh iad a thaobh gu faoinsgeulan. |
5. Ach thusa, bidh sòbarra sa h‑uile sìon, a' giùlain cruaidh‑chàs, dèan obair soisgeulaiche, coilean do mhinistrealachd. |
6. Oir tha mise mu thràth gam dhòrtadh a‑mach mar thabhartas‑dibhe, agus tha àm mo thriaill air tighinn. |
7. Chath mise an deagh chath, chrìochnaich mi an cùrsa, ghlèidh mi an creideamh. |
8. Mu dheireadh tha crùn fìreantachd air a thasgadh suas dhomh, a bheir an Tighearna, am breitheamh fìreanta, dhomh san latha sin agus chan ann a‑mhàin dhòmhsa ach cuideachd dhaibhsan uile a ghràdhaich a thighinn‑san. |
9. Biodh thusa dìcheallach tighinn thugam a dh'aithghearr. |
10. Oir thrèig Dèmas mi, a ghràdhaich an saoghal a tha an làthair, agus chaidh e gu Tesalonìca. Chaidh Cresens gu Galàtia. Chaidh Tìtus gu Dalmàtia. |
11. 'S e Lùcas a‑mhàin a tha còmhla rium. Thoir Marcas thugad 's thoir leat e, oir tha e feumail dhòmhsa airson seirbheis a dhèanamh. |
12. A‑nis, chuir mi Tichicus gu Ephesus. |
13. Nuair a thig thu, thoir leat an cleòc a dh'fhàg mi às mo dhèidh ann an Tròas le Carpus, cuideachd na leabhraichean, gu sònraichte na craiceannan‑sgrìobhaidh. |
14. Rinn Alecsander an ceàrd‑copair mòran rudan olc orm; pàighidh an Tighearna air ais e a rèir nan obraichean aige. |
15. Biodh thusa cuideachd faiceallach ma dheidhinn, oir sheas e gu mòr an aghaidh ar teachdaireachd. |
16. Aig mo chiad dhìon cha do sheas duine còmhla rium, ach thrèig iad uile mi, ach na biodh e air a chunntas nan aghaidh. |
17. Ach sheas an Tighearna còmhla rium agus neartaich e mi, airson 's, tromhamsa, gum biodh an teachdaireachd air a cur an cèill gu h‑iomlan, is gus an cluinneadh na Cinnich gu lèir i, 's bha mi air mo shaoradh à beul an leòmhainn. |
18. Saoraidh an Tighearna mi on a h‑uile h‑obair olc agus sàbhalaidh e mi airson a rìoghachd nèamhaidh. Dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. |
19. Cuir fàilte air Prisca, air Acuila 's air taigh Onesiphoruis. |
20. Dh'fhuirich Erastus ann an Corint, ach dh'fhàg mi Trophimus tinn às mo dhèidh ann am Miletus. |
21. Dèan cabhag tighinn ron gheamhradh. Tha Eubulus is Pudens is Linus is Claudia 's na bràithrean uile a' cur fàilte ort. |
22. Gum biodh an Tighearna led spiorad. Gràs leibh. |