A A A A A
Bible in one year
October 29

2 Timòteus 2:1-26
1. Mar sin, thusa mo leanabh, bidh air do neartachadh sa ghràs a th' ann an Crìosd Ìosa.
2. Agus na chuala tu uamsa tro mhòran fhianaisean, earb na rudan sin ri daoine dìleas, a bhios comasach air daoine eile a theagasg cuideachd.
3. Fulaing leam mar dheagh shaighdear Chrìosd Ìosa.
4. Chan eil neach sam bith a tha a' dèanamh seirbheis mar shaighdear air a ghlacadh ann an gnothaichean sìobhalta na beatha; tha seo airson 's gun tèid aige air an neach a ghabh mar shaighdear e a thoileachadh.
5. Agus cuideachd ma tha neach sam bith ri lùth‑chleasachd, cha tèid a chrùnadh mura h‑eil e air a bhith ri lùth‑chleasachd gu laghail.
6. 'S e an tuathanach a tha a' saothrachadh a bu chòir compàirteachadh san toradh an toiseach.
7. Smaoinich air na tha mi ag ràdh, oir bheir an Tighearna dhut tuigse sa h‑uile sìon.
8. Cuimhnich gun deach Ìosa Crìosd a thogail o na mairbh, o shìol Dhaibhidh, a rèir mo shoisgeil‑sa,
9. dham bheil mise a' fulang eadhon gu bhith sa phrìosan mar fhear dhroch‑ghnìomh, ach chan eil facal an Tighearna air a cheangal.
10. Mar sin tha mi a' giùlain a h‑uile sìon air an sgàth‑san a tha taghte, gus am faigh iadsan cuideachd an sàbhaladh a th' ann an Crìosd Ìosa, le glòir shìorraidh.
11. Is dìleas am facal: Oir ma bhàsaich sinn còmhla ris, bidh sinn cuideachd beò còmhla ris,
12. ma bhuan‑mhaireas sinn, riaghlaidh sinn cuideachd còmhla ris. Ma dh'àicheas sinn esan, àicheidh esan cuideachd sinne.
13. Ma tha sinn mì‑dhìleas, fanaidh esan dìleas, oir chan urrainn dha e fhèin àicheadh.
14. Cuir na rudan seo nan cuimhne, thoir fianais shòlaimte mu choinneamh Dhè nach bu chòir dhaibh a bhith ri aimhreit mu fhaclan anns nach eil feum sam bith, ach airson an luchd‑èisteachd a sgrios.
15. Dèan a h‑uile dìcheall thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, neach‑obrach gun nàire, a' mìneachadh facal na fìrinne gu ceart.
16. Ach seachainn faoin‑bhriathran mì‑dhiadhaidh, oir 's ann gu mòr a chuireas sin mì‑dhiadhaidheachd air adhart.
17. Agus caithidh am facal‑san mar chnàmhainn; nam measg‑san tha Himenèaus is Philètus,
18. a th' air an slighe a chall a thaobh na fìrinne, ag ràdh gun do thachair an aiseirigh mu thràth, agus a tha a' tilgeil creideamh chuid bun‑os‑cionn.
19. Ach tha bunait dhaingeann Dhè a' seasamh, agus an seula seo aice: “Is aithne dhan Tighearna iadsan a tha leis fhèin,” agus “A h‑uile neach a dh'ainmicheas ainm an Tighearna, fàgadh e neo‑fhìreantachd.”
20. Ach ann an taigh mòr, chan e a‑mhàin soithichean òir is airgid a th' ann, ach cuideachd soithichean fiodha is crèadha, agus cuid aca airson urraim, ach cuid eile airson eas‑urraim.
21. Mar sin ma ghlanas duine sam bith e fhèin o na rudan seo, bidh e na shoitheach airson urraim, air a naomhachadh, feumail dhan Mhaighstir, airson a h‑uile deagh obair a th' air ullachadh.
22. Ach teich o dhroch‑mhiann na h‑òige, agus dlùth‑lean ri fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, còmhla riuthasan a tha a' gairm air an Tighearna à cridhe glan.
23. Agus diùlt ceistean amaideach is neo‑thuigseach, 's fios agad gu bheil iad sin a gintinn chòmhstrithean.
24. Agus cha bu chòir do sheirbheiseach an Tighearna a bhith ri còmhstri, ach is còir dha a bhith caomh ris na h‑uile, comasach air teagasg, foighidneach,
25. ann an ciùineas a' ceartachadh an fheadhainn a tha na aghaidh, gun fhios nach toir Dia dhaibh aithreachas gus an fhìrinn aideachadh,
26. agus gun till iad gu an ciall 's gun teich iad a‑mach à ribe an diabhail, às dèidh dhaibh a bhith air an glacadh leis‑san airson a thoil a dhèanamh.