Instagram
English
A A A A A
1 Timòteus 5:1-25
1. Na cronaich fear a tha nas sine, ach earalaich e mar athair, fir òga mar bhràithrean,
2. boireannaich a tha nas sine mar mhàthraichean, boireannaich a tha nas òige mar pheathraichean anns a h‑uile fìorghlaine.
3. Thoir urram do bhanntraichean, a tha dha‑rìribh nam banntraichean.
4. Ach ma tha banntraichean sam bith ann aig a bheil clann no oghaichean, ionnsaicheadh iad an toiseach diadhaidheachd a shealltainn dhan taigh fhèin agus ath‑phàigheadh a dhèanamh do phàrantan; oir tha seo taitneach ann an sealladh Dhè.
5. A‑nis, tha ise a tha dha‑rìribh na banntraich, 's air a fàgail na h‑aonar, a' cur a dòchais ann an Dia, agus a' leantainn ann an tagraidhean 's ann an ùrnaighean a dh'oidhche 's a latha.
6. Ach ise a tha beò airson sògh, ged a tha i beò, tha i marbh.
7. Agus òrdaich na rudan seo, airson 's gum bi iad os cionn adhbhar càinidh,
8. ach ma tha duine sam bith ann nach eil a' solarachadh airson a chàirdean agus gu sònraichte airson a theaghlaich fhèin, tha e air a' chreideamh àicheadh agus rud nas miosa, tha e na eas‑creidmheach.
9. Biodh banntrach nach eil nas òige na seasgad bliadhna, bean aon duine, air a cur air an liosta
10. tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.
11. Ach diùlt na banntraichean òga, oir nuair a tha na h‑ana‑miannan aca air an tarraing air falbh o Chrìosd, tha iad airson pòsaidh.
12. Tha iad fo dhìteadh, a chionn 's gun do thrèig iad an ciad chreideamh.
13. Agus aig an aon àm tha iad ag ionnsachadh a bhith leisg, a' siubhal nan taighean, agus chan ann a‑mhàin leisg, ach cuideachd nan gobairean 's a' gabhail gnothaich ri rudan nach buin dhaibh, a' bruidhinn air rudan nach bu chòir dhaibh.
14. Bu mhiann leam mar sin gum pòsadh an fheadhainn òga, gun giùlaineadh iad clann, gun ruitheadh iad an dachaighean, gun a bhith a' toirt cothrom càinidh sam bith dhan nàmhaid.
15. Oir tha cuid mu thràth air tionndadh air falbh às dèidh Shàtain.
16. Ma tha càirdean a tha nam banntraichean aig tè‑chreidmheach sam bith, cuidicheadh i iad agus na biodh iad nan uallach dhan eaglais, airson 's gun toir ise taic dhaibhsan a tha dha‑rìribh nam banntraichean.
17. Measaibh èildearan a th' air riaghladh gu math mar airidh air urram dùbailte, gu sònraichte an fheadhainn a th' air saothrachadh ann am facal 's ann an teagasg.
18. Oir tha an Sgriobtar ag ràdh: “Na glas‑ghuib an damh a tha a' saltairt an arbhair,” agus “Is airidh an neach‑obrach air a thuarastal.”
19. Na gabh ri casaid an aghaidh èildeir ach air fianais dhithis no thriùir fhianaisean.
20. Iadsan a tha a' leantainn orra a' peacachadh, cronaich air beulaibh nan uile, airson 's gum bi eagal air a' chòrr.
21. Tha mi a' toirt fianais shòlaimte mu choinneamh Dhè agus mu choinneamh Chrìosd Ìosa agus mu choinneamh nan ainglean taghte, gun glèidh thu na rudan seo, gun chlaon‑bhreith, gun sìon a dhèanamh a rèir leth‑bhreith.
22. Na sìn do làmhan gu h‑aithghearr air neach sam bith, 's na biodh compàirt agad ann am peacaidhean fheadhainn eile; glèidh thu fhèin gu fìorghlan.
23. Na òl uisge a‑mhàin tuilleadh, ach cleachd beagan fìona air sgàth do stamaig 's na tinneasan a th' ort cho tric.
24. Tha peacaidhean chuid de dhaoine follaiseach, a' dol romhpa gu breitheanas, ach tha na peacaidhean aig cuid eile gan leantainn.
25. San aon dòigh tha deagh obraichean cuideachd follaiseach, agus an fheadhainn a th' air a chaochladh, chan urrainn dhaibh a bhith air am falach.