A A A A A
Bible in one year
October 18

1 Tesalònianaich 5:1-28
1. A‑nis a thaobh nan amannan 's nan aimsirean, a bhràithrean, chan eil feum agaibh air sìon a sgrìobhadh thugaibh,
2. oir tha ceart fhios agaib' fhèin gu bheil latha an Tighearna a' tighinn mar mhèirleach san oidhche.
3. Ge b' e uair san tèid a ràdh, “Sìth is tèarainteachd”, 's ann an uair sin a thig sgrios aithgheàrr mar asaid‑breith oirrese a tha a' giùlain, agus cha bhi dol às aca idir.
4. Ach chan eil sibhse, a bhràithrean, ann an dorchadas, air chor 's gun glac an latha sin sibh mar mhèirleach.
5. Oir is sibhse uile clann an t‑solais, agus clann an latha, chan eil sinn idir dhen oidhche no dhen dorchadas.
6. Mar sin, ma‑thà, na bitheamaid nar cadal, mar an còrr, ach bitheamaid nar dùisg agus sòbarra.
7. Oir iadsan a tha nan cadal, tha iad a' cadal san oidhche, agus iadsan a th' air smùid a ghabhail, tha smùid orra san oidhche.
8. Ach seach gu bheil sinne dhen latha, bu chòir dhuinn a bhith sòbarra, a' cur oirnn èideadh‑broillich a' chreideimh 's a' ghràidh, agus clogaid dòchas an t‑sàbhalaidh.
9. Oir cha do shuidhich Dia sinn airson feirg, ach airson ar sàbhaladh fhaighinn, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd,
10. a bhàsaich air ar son, airson 's ge b' e a bhitheamaid nar dùisg, no nar cadal, gum biodh sinn beò còmhla ris‑san.
11. Air an adhbhar sin, misnichibh a chèile agus togaibh càch‑a‑chèile suas, eadhon mar a tha sibh a' dèanamh.
12. A‑nis tha sinn ag iarraidh oirbh, a bhràithrean, gum biodh aithne agaibh orrasan a tha ri saothair nur measg, agus a tha gur stiùireadh san Tighearna agus gur n‑earalachadh,
13. agus gun toir sibh spèis dhaibh gu mòr ann an gràdh, air sgàth na h‑obrach aca. Bithibh sìtheil nur measg fhèin.
14. Agus tha sinn gur misneachadh, a bhràithrean: comhairlichibh iadsan a tha dìomhain, thoiribh cofhurtachd dhaibhsan aig nach eil misneachd, cumaibh suas iadsan a tha lag, bithibh foighidneach le gach neach.
15. Bithibh faiceallach nach pàigh sibh air ais peacadh airson peacaidh do neach sam bith, ach iarraibh an‑còmhnaidh am math, an dà chuid do chàch‑a‑chèile 's dha na h‑uile.
16. Dèanaibh gàirdeachas an‑còmhnaidh.
17. Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.
18. Anns a h‑uile sìon bithibh taingeil, oir is e seo toil Dhè dhuibhse ann an Crìosd Ìosa.
19. Na mùchaibh an Spiorad.
20. Na cuiribh fàidheadaireachd ann an suarachas.
21. Ach dearbhaibh a h‑uile sìon, cumaibh na tha math.
22. Seachnaibh a h‑uile seòrsa uilc.
23. A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan agus gun gleidheadh e ur spiorad agus ur n‑anam slàn, agus ur cuirp gun choire, aig tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd.
24. Is dìleas esan a tha gur gairm, agus a nì e.
25. A bhràithrean, dèanaibh ùrnaigh cuideachd air ar son‑ne.
26. Cuiribh fàilte air na bràithrean uile le pòig naoimh.
27. Tha mi ga chur oirbh, o Dhia, gun leugh sibh an litir seo dha na bràithrean gu lèir.
28. Gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd gu robh leibh.