A A A A A
Bible in one year
October 13

Colosianach 4:1-18
1. A mhaighstirean, thoiribh an rud sin a tha ceart is cothromach dhur seirbheisich, agus fios agaibh gu bheil maighstir cuideachd agaib' fhèin, air nèamh.
2. Coisrigibh sib' fhèin do dh'ùrnaigh, a' dèanamh faire innte le taingealachd;
3. ag ùrnaigh aig an aon àm air ar son‑ne cuideachd gum fosgladh Dia doras dhuinn airson an fhacail, gus an cuir sinn an cèill dìomhaireachd Chrìosd, dham bheil mise air mo phrìosanachadh,
4. airson 's gun dèan mi soilleir e, mar a bu chòir dhomh bruidhinn.
5. Coisichibh le gliocas a thaobh nam muinntir a th' air an taobh a‑muigh, a' cleachdadh an ama san dòigh as fheàrr.
6. Biodh ur còmhradh an‑còmhnaidh gràsmhor, air a dhèanamh blasta le salann, airson 's gum bi fios agaibh ciamar as còir dhuibh gach neach a fhreagairt.
7. A thaobh mo ghnothaichean‑sa gu lèir, innsidh Tichicus — ar bràthair gràdhach 's ar ministear dìleas 's ar co‑sheirbheiseach san Tighearna — mun deidhinn.
8. Chuir mi esan thugaibh airson an adhbhair seo fhèin, gum biodh fios aige mur staid, is gun toireadh e cofhurtachd dhur cridheachan,
9. agus còmhla ris, Onesimus, bràthair dìleas is gràdhach, a tha dhib' fhèin. Nì iadsan aithnichte dhuibh mun t‑suidheachadh air fad a tha an seo.
10. Tha Aristarchus, mo cho‑phrìosanach, a' cur fàilte oirbh, agus Marcas co‑ogha do Bharnabas (mun d' fhuair sibh àitheantan — ma thig e thugaibh, cuiribh fàilte air);
11. agus Ìosa, ris an canar Iustus. Is iadsan an aon fheadhainn dhen timcheall‑ghearradh a tha nan co‑luchd‑obrach dhòmhsa airson rìoghachd Dhè, agus tha iad air a bhith nan cofhurtachd dhomh.
12. Tha Epaphras — a tha dhib' fhèin — seirbheiseach Chrìosd, a' cur fàilte oirbh, an‑còmhnaidh a' strì gu dùrachdach na ùrnaighean air ur son, airson 's gun seas sibh coileanta is làn‑chinnteach ann an uile thoil Dhè.
13. Oir tha mi a' dèanamh fianais dha, gu bheil cùram mòr aige dhuibhse, agus dhaibhsan a th' ann an Laodicèa, agus dhan fheadhainn a th' ann an Hierapolis.
14. Tha Lùcas, an lighiche gràdhach, agus Dèmas a' cur fàilte oirbh.
15. Cuiribh fàilte air na bràithrean a th' ann an Laodicèa, agus air Nimpha agus an eaglais a tha na taigh.
16. Agus nuair a thèid an litir seo a leughadh nur measg, dèanaibh cinnteach gun tèid a leughadh ann an eaglais nan Laodicèanach; agus leughadh sibhse cuideachd mo litir a tha a' tighinn o Laodicèa.
17. Agus canaibh ri Archipas, “Thoir an aire dhan mhinistrealachd a fhuair thu san Tighearna — gun coilean thu i.”
18. Tha mise, Pòl, a' sgrìobhadh na fàilte seo lem làimh fhèin. Cuimhnichibh air mo phrìosanachadh. Gràs gun robh còmhla ribh.