A A A A A
Bible in one year
January 7

Mata 6:1-18
1. “Thoiribh an aire nach cuir sibh ur fìreantachd an gnìomh mu choinneamh dhaoine airson 's gun tèid ur faicinn leotha, no cha bhi duais agaibh o ur n‑Athair a th' air nèamh.
2. Mar sin, nuair a bheir thu dèirc dha na bochdan, na sèid trombaid romhad, mar a nì na breug‑chràbhaichean sna sionagogan agus air na sràidean, airson 's gum faigh iad glòir bho dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun do shealbhaich iad an tuarastal.
3. Ach nuair a bheir thusa dha na bochdan, na leig le do làimh chlì fios a bhith aice dè a tha do làmh dheas a' dèanamh
4. airson 's gum bi do bhuileachadh gu dìomhair, agus bheir d' Athair, a chì gu dìomhair, duais dhut.
5. “Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar na breug‑chràbhaichean, oir is gràdh leotha seasamh is ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan agus aig oiseanan nan sràid airson 's gum bi iad air am faicinn le daoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal.
6. Ach nuair a nì thusa ùrnaigh, thalla a‑steach dhad sheòmar agus dùin an doras agus dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an dìomhaireachd. Agus bheir d' Athair, a chì ann an dìomhaireachd, duais dhut.
7. Agus nuair a nì sibh ùrnaigh, na bithibh a' clabadaich mar a bhios na Cinnich, oir saoilidh iadsan gun tèid èisteachd riutha air sgàth lìonmhorachd an cainnte.
8. Mar sin na bithibh‑se coltach riutha, oir tha fios aig ur n‑Athair dè na rudan a tha a dhìth oirbh mus faighnich sibh.
9. “Mar sin dèanaibh‑se ùrnaigh san dòigh seo: “‘Ar n‑Athair ann an nèamh, gum biodh d' ainm air a naomhachadh.
10. Thigeadh do rìoghachd, gum biodh do thoil air a dèanamh, air an talamh mar a tha i air a dèanamh air nèamh.
11. Thoir dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil,
12. agus math dhuinn ar fiachan, mar a tha sinne cuideachd air mathadh dhar luchd‑fiach.
13. Agus na treòraich sinn a‑steach do bhuaireadh, ach saor sinn on olc.’
14. “Oir ma mhathas sibh am peacaidhean do dhaoine eile, mathaidh ur n‑Athair nèamhaidh sibhse cuideachd.
15. Ach mura math sibh do dhaoine, cha mhotha a mhathas ur n‑Athair dhuibhse ur peacaidhean.
16. “Agus nuair a thraisgeas sibh, na coimheadaibh gruamach mar na breug‑chràbhaichean, oir nì iad an aghaidhean grànda airson 's gum faic daoine gu bheil iad a' trasgadh. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal gu lèir.
17. Ach nuair a thraisgeas tusa, cuir ola air do cheann agus nigh d' aodann,
18. airson 's nach bi e air fhaicinn le daoine gu bheil thu a' trasgadh. Agus bheir d' Athair, a tha a' faicinn ann an dìomhaireachd, duais dhut.