A A A A A
Bible in one year
January 5

Mata 5:1-26
1. Nuair a chunnaic Ìosa an sluagh, chaidh e suas air a' bheinn, agus nuair a shuidh e, thàinig a dheisciobail thuige.
2. Agus dh'fhosgail e a bheul agus theagaisg e iad, ag ràdh:
3. “Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad, oir is leotha rìoghachd nèimh.
4. Is beannaichte iadsan a tha fo bhròn, oir gheibh iad cofhurtachd.
5. Is beannaichte iadsan a tha macanta, oir sealbhaichidh iad an talamh mar oighreachd.
6. Is beannaichte iadsan air a bheil acras is pathadh na fìreantachd, oir thèid an sàsachadh.
7. Is beannaichte iadsan a tha tròcaireach, oir gheibh iad tròcair.
8. Is beannaichte iadsan a tha fìorghlan nan cridhe, oir chì iad Dia.
9. Is beannaichte luchd‑dèanamh na sìthe, oir thèid clann Dhè a ghabhail orra.
10. Is beannaichte an fheadhainn a tha a' fulang geur‑leanmhainn air sgàth fìreantachd, oir is leothasan rìoghachd nèimh.
11. “Is beannaichte a tha sibh nuair a chronaicheas daoine sibh, agus a nì iad geur‑leanmhainn oirbh, agus a chanas iad a h‑uile seòrsa uilc nur n‑aghaidh gu breugach air mo sgàth‑sa.
12. Dèanaibh gàirdeachas agus bithibh toilichte, oir is mòr ur duais ann an nèamh, oir mar sin rinn iad geur‑leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.
13. “Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.
14. “Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan eil e an comas baile a tha suidhichte air beinn fhalach.
15. Cha mhotha a tha daoine a' lasadh lampa agus ga cur fo shoitheach, ach air an lampair, agus tha i a' soillseachadh an taighe gu lèir.
16. Mar sin, leigibh le ur solas deàlrachadh mu choinneamh dhaoine, airson 's gum faic iad ur deagh obraichean agus gun toir iad glòir dhar n‑Athair a tha ann an nèamh.
17. “Na smaoinichibh gun tàinig mise a chur às dhan Lagh no dha na Fàidhean; cha tàinig mi airson cur às dhaibh ach airson an coileanadh.
18. Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, gus an tèid nèamh agus talamh seachad, cha tèid an litir as lugha, no aon stràc dhen Lagha seachad, gus an tèid a h‑uile rud a choileanadh.
19. Mar sin ge b' e neach a bhriseas aon dhe na h‑àitheantan as lugha seo agus a theagaisgeas do dhaoine eile an aon rud a dhèanamh, thèid an duine as lugha ann an rìoghachd nèimh a ghabhail air. Ach ge b' e neach a nì iad agus a theagaisgeas iad, thèid duine mòr a ghabhail air ann an rìoghachd nèimh.
20. Oir tha mi ag ràdh ribh, mura bi barrachd fìreantachd agaibhse na tha aig na sgrìobhaichean is na Pharasaich, nach tèid sibh idir a‑steach do rìoghachd nèimh.
21. “Chuala sibh gun deach a ràdh riuthasan o shean, ‘Na dèan murt’; agus ge b' e neach a nì murt, bidh e buailteach air breitheanas.
22. Ach tha mise ag ràdh ribh gum bi a h‑uile neach a tha feargach ri bhràthair buailteach air breitheanas; ge b' e neach a chanas ri bhràthair, ‘A ghloidhc!’ gum bi e ann an cunnart na Comhairle; ach ge b' e neach a chanas ‘Amadain!’ gum bi e ann an cunnart teine Ifrinn.
23. “Mar sin ma tha thu a' tairgsinn do thiodhlac air an altair agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil rudeigin aig do bhràthair nad aghaidh,
24. fàg do thiodhlac an sin mu choinneamh na h‑altarach. Agus thalla an toiseach 's dèan rèite rid bhràthair, is an uair sin thig agus tairg do thiodhlac.
25. “Bi rèidh gu luath ris an neach a tha a' cur casaid nad aghaidh fhad 's a tha thu còmhla ris air an t‑slighe, air eagal 's gun toir an neach‑casaid thairis dhan bhritheamh thu, agus gun toir am britheamh dhan oifigear thu, agus gun tèid do thilgeil ann am prìosan.
26. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach às a sin gus am pàigh thu an sgillinn mu dheireadh.