Mata 20:1-16 |
1. “Oir tha rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe a chaidh a‑mach tràth sa mhadainn airson luchd‑obrach fhastadh dhan fhìon‑lios aige. |
2. Agus às dèidh dha denarius san latha aontachadh leis an luchd‑obrach, chuir e dha fhìon‑lios iad. |
3. “Agus a' dol a‑mach mu naoi uairean sa mhadainn chunnaic e feadhainn eile nan seasamh dìomhain san ionad‑mhargaidh. |
4. Agus riuthasan thuirt e, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios agus ge b' e a bhios ceart bheir mi dhuibh e.’ |
5. Mar sin dh'fhalbh iad. “A' dol a‑mach a‑rithist mu mheadhan‑latha agus mu thrì uairean feasgar, rinn e an aon rud. |
6. Agus mu chòig uairean feasgar, chaidh e a‑mach agus lorg e feadhainn eile nan seasamh. Agus thuirt e riutha, ‘Carson a tha sibh nur seasamh an seo fad an latha gu dìomhain?’ |
7. “Thuirt iadsan ris, ‘A chionn 's nach do rinn duine sam bith fastadh oirnn.’ “Thuirt esan riutha, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios.’ |
8. “Agus nuair a thàinig am feasgar, thuirt maighstir an fhìon‑lios ris an stiùbhard aige, ‘Gairm an luchd‑obrach, agus pàigh dhaibh an tuarastal, a' tòiseachadh leis an fheadhainn mu dheireadh gus a' chiad fheadhainn.’ |
9. “Agus nuair a thàinig an fheadhainn a chaidh fhastadh mu chòig uairean feasgar, fhuair gach fear dhiubh denarius. |
10. Ach nuair a thàinig a' chiad fheadhainn, shaoil iadsan gum faigheadh iad na bu mhotha, ach fhuair gach aon dhiubh denarius cuideachd. |
11. Ach nuair a fhuair iad e, rinn iad gearan an aghaidh a' mhaighstir‑taighe, |
12. ag ràdh, ‘An fheadhainn mu dheireadh seo, dh'obraich iad aon uair a thìde, agus rinn thusa iad co‑ionann rinne a ghiùlain eallach an latha agus an teas loisgeach.’ |
13. “Ach fhreagair e aon dhiubh ag ràdh, ‘A charaid, chan eil mi a' dèanamh eucoir ort. Nach do rinn thu aonta leum airson denarius? |
14. Tog na tha leat fhèin agus thalla. Is i mo thoil‑sa gun toirinn dhan fhear seo a thàinig mu dheireadh mar a thug mi dhutsa. |
15. Nach eil e ceadaichte dhòmhsa dèanamh lem chuid fhèin mar as miann leam? No a bheil do shùil‑sa farmadach a chionn 's gu bheil mise fialaidh?’ |
16. “Mar sin bidh iadsan a th' air dheireadh air thoiseach, agus iadsan a th' air thoiseach air dheireadh.” |