A A A A A
Bible in one year
January 22

Mata 14:22-35
22. Sa bhad thug e air na deisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh.
23. Agus às dèidh an sluagh a chur air falbh, chaidh e suas dhan bheinn leis fhèin a dh'ùrnaigh. Nuair a thàinig am feasgar, bha e an sin na aonar.
24. Ach bha an t‑eathar mun àm sin astar fada o thìr, air a tilgeil mun cuairt leis na tonnan, oir bha a' ghaoth nan aghaidh.
25. Mus do dh'èirich a' ghrian, thàinig e thuca, a' coiseachd air a' mhuir.
26. Ach nuair a chunnaic na deisciobail e a' coiseachd air a' mhuir, bha iad fo oillt, ag ràdh, “Is e taibhs a th' ann!” agus dh'èigh iad a‑mach le eagal.
27. Ach sa bhad bhruidhinn Ìosa riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann — na biodh eagal oirbh.”
28. Agus fhreagair Peadar e, “A Thighearna, mas tusa a th' ann, iarr orm tighinn thugad air na h‑uisgeachan.”
29. Agus thuirt esan, “Thig.” Is thàinig Peadar a‑mach às an eathar agus choisich e air na h‑uisgeachan is thàinig e gu Ìosa.
30. Ach nuair a chunnaic e a' ghaoth cho làidir, ghabh e eagal, agus a' tòiseachadh air a dhol fodha, ghlaodh e, “A Thighearna, sàbhail mi!”
31. Anns a' bhad shìn Ìosa a‑mach a làmh agus rug e air, is thuirt e ris, “O thusa air bheag creideimh, carson a bha thu fo amharas?”
32. Agus nuair a chaidh iad a‑steach dhan eathar, sguir a' ghaoth.
33. Agus rinn iadsan a bh' anns an eathar adhradh dha, ag ràdh, “Gu fìrinneach is tusa Mac Dhè!”
34. Nuair a bha iad air a dhol thairis, thàinig iad air tìr aig Genesaret.
35. Agus nuair a dh'aithnich muinntir an àite sin e, chuir iad fios air feadh a' cheàrnaidh sin gu lèir agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn