A A A A A
Bible in one year
January 21

Mata 14:1-21
1. Aig an àm sin chuala Herod an tetrarc mu chliù Ìosa,
2. agus thuirt e ri a sheirbheisich, “Is e seo Eòin Baistidh. Chaidh a thogail o na mairbh, agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”
3. Oir bha Herod air Eòin a chur an greim is air a cheangal agus air a chur ann am prìosan air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin,
4. oir bha Eòin air a bhith ag ràdh ris, “Chan eil e laghail dhut i a bhith agad.”
5. Agus ged a bha Herod ag iarraidh a chur gu bàs, bha eagal air on t‑sluagh, oir mheas iad gum b' e fàidh a bh' ann.
6. Ach nuair a thàinig co‑là‑breith Heroid, rinn nighean Heròdiais dannsa mun coinneamh agus thoilich i Herod,
7. chun na h‑ìre 's gun do gheall e le mionnan gun toireadh e dhi ge b' e dè a dh'iarradh i.
8. Agus air a piobrachadh le a màthair, thuirt i, “Tha mi airson 's gun toir thu dhomh ceann Eòin Baistidh air truinnsear mòr.”
9. Agus bha an rìgh duilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige, dh'àithn e a thoirt dhi.
10. Agus chuir e fear a‑mach a thug an ceann far Eòin anns a phrìosan.
11. Agus chaidh a cheann a thoirt air truinnsear mòr is chaidh a thoirt dhan chaileig, agus thug ise gu a màthair e.
12. Thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leotha is dh'adhlaic iad e, agus chaidh iad 's dh'innis iad do dh'Ìosa.
13. A‑nis nuair a chuala Ìosa seo, tharraing e air ais à sin ann an eathar gu àite fàsail leis fhèin. Ach nuair a chuala an sluagh sin, lean iad air chois e o na bailtean.
14. Agus nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige dhaibh, agus shlànaich e an fheadhainn aca a bha tinn.
15. Agus nuair a bha am feasgar ann, thàinig na deisciobail thuige agus thuirt iad, “'S e àite fàsail a tha an seo agus tha an latha a‑nis seachad; cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean agus gun ceannaich iad biadh dhaib' fhèin.”
16. Ach thuirt Ìosa, “Cha leig iad a leas falbh; thugaibh‑se dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.”
17. Thuirt iad ris, “Chan eil an seo againn ach còig lofaichean agus dà iasg.”
18. Agus thuirt esan, “Thugaibh an seo iad thugamsa.”
19. Agus dh'àithn e dhan t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean agus thug e iad dha na deisciobail, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad.
20. Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan a bha a chòrr.
21. Agus bha iadsan a dh'ith mu thimcheall air còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.