A A A A A
Bible in one year
January 20

Mata 13:31-58
31. Chuir e cosamhlachd eile mun coinneamh, ag ràdh, “Tha rìoghachd nèimh coltach ri gràinne de shìol mustaird a ghabh duine agus a chuir e na achadh.
32. Is e as lugha dhe na sìl uile, ach nuair a tha e air fàs tha e nas motha na na lusan‑gàrraidh uile agus thig e gus a bhith na chraoibh; mar sin thig eòin an adhair agus nì iad neadan na gheugan.”
33. Dh'innis e cosamhlachd eile dhaibh: “Tha rìoghachd nèimh coltach ri taois ghoirt, a ghabh boireannach agus a dh'fhalaich i ann an trì tomhasan mine, gus an do dh'èirich e gu lèir.”
34. Thuirt Ìosa na rudan seo uile ris an t‑sluagh ann an cosamhlachdan; agus às aonais cosamhlachd cha do bhruidhinn e riutha.
35. Bha seo airson 's gun deigheadh an rud a choileanadh a chaidh a ràdh tron fhàidh: “Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill rudan a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail.”
36. An uair sin dh'fhàg e an sluagh agus chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus thàinig a dheisciobail thuige, ag ràdh, “Mìnich dhuinne cosamhlachd luibhean an achaidh.”
37. Agus fhreagair esan, “Am fear a chuireas an sìol math, is esan Mac an Duine.
38. Is e an t‑achadh an saoghal, agus is e an sìol math clann na rìoghachd, ach is e na luibhean clann an droch fhir,
39. agus is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal. Is e am fogharadh deireadh na linne, agus is iad na buanaichean na h‑ainglean.
40. “Dìreach mar a tha na luibhean air an cruinneachadh agus air an losgadh le teine, is ann mar sin a bhitheas aig deireadh na linne.
41. Cuiridh Mac an Duine na h‑ainglean aige a‑mach, agus cruinnichidh iad às a rìoghachd‑san gach ceap‑tuislidh agus iadsan a tha a' dèanamh mì‑riaghailt,
42. agus tilgidh iad dhan fhùirneis theinntich iad. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.
43. An uair sin deàrrsaidh na fìreanan mar a' ghrian, ann an rìoghachd an Athar‑san. Ge b' e cò aig a bheil cluasan, cluinneadh e.
44. “Tha rìoghachd nèimh coltach ri ionmhas falaichte ann an achadh, a lorg duine agus a dh'fhalaich e. Agus an uair sin, na aoibhneas, tha e a' falbh agus a' reic a h‑uile sìon a th' aige, agus a' ceannach an achaidh sin.
45. “A‑rithist, tha rìoghachd nèimh coltach ri ceannaiche a' sireadh neamhnaidean grinn,
46. agus nuair a lorg e aon neamhnaid ro luachmhor, chaidh e agus reic e na bh' aige agus cheannaich e i.
47. “A‑rithist, tha rìoghachd nèimh coltach ri lìon a chaidh a thilgeil dhan mhuir agus a chruinnich a h‑uile seòrsa èisg.
48. Nuair a bha e làn, tharraing iad suas air an tràigh e, agus shuidh iad agus chruinnich iad na h‑èisg mhatha a‑steach do shoithichean, ach thilg iad na droch èisg air falbh.
49. Is ann mar sin a bhitheas aig deireadh na linne. Thig na h‑ainglean a‑mach agus sgaraidh iad na h‑uilc o na fìreanan,
50. agus tilgidh iad dhan fhùirneis theinntich iad. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.
51. “An do thuig sibh na rudan seo uile?” Thuirt iad ris, “Thuig.”
52. Agus thuirt e riutha, “Mar sin, tha gach sgrìobhaiche a th' air oideachadh airson rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe, a bheir a‑mach rudan ùra is sean às an ionmhas aige.”
53. Agus nuair a bha Ìosa air na cosamhlachdan seo a chrìochnachadh, dh'fhalbh e às a sin,
54. agus a' tighinn gu a bhaile fhèin, theagaisg e iad nan sionagog; mar sin ghabh iad iongnadh, agus tuirt iad, “Càit an d' fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na h‑obraichean cumhachdach seo?
55. Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Moire? Nach iad a bhràithrean Seumas is Iòsaph is Sìmon is Iùdas?
56. Agus nach eil a pheathraichean gu lèir còmhla rinn? Càite mar sin an d' fhuair an duine seo na rudan seo uile?”
57. Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn. Ach thuirt Ìosa riutha, “Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus na theaghlach fhèin.”
58. Agus cha do rinn e mòran obraichean cumhachdach an sin, air sgàth an eas‑creideimh.