Mata 12:22-50 |
22. An uair sin chaidh duine a thoirt thuige anns an robh deamhan, dall agus balbh, agus shlànaich Ìosa e, leis a' bhuil gun do bhruidhinn an duine balbh is gum faca e. |
23. Agus ghabh an sluagh uile iongnadh, agus bha iad ag ràdh, “An urrainn gur e seo Mac Dhaibhidh?” |
24. Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thuirt iad, “Chan eil am fear seo a' tilgeil a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebul, uachdaran nan deamhan.” |
25. Eòlach air an smuaintean, thuirt Ìosa riutha, “Gach uile rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, thèid a dèanamh na fàsach, agus a h‑uile baile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha sheas e. |
26. Agus ma thilgeas an Sàtan a‑mach an Sàtan, tha e roinnte na aghaidh fhèin. Ciamar, mar sin, a sheasas a rìoghachd? |
27. Mas ann tro Bheelsebul a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, cò troimhe a tha ur clann‑se gan tilgeil a‑mach? Mar sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh. |
28. Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, mar sin tha rìoghachd Dhè air tighinn oirbhse. |
29. “No ciamar as urrainn do chuideigin a dhol a‑steach do thaigh dhuine làidir agus a chuid a chreachadh, mura ceangail e an toiseach an duine làidir? Agus an uair sin is urrainn dha a thaigh a chreachadh. |
30. “Ge b' e nach eil leam, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich leam, tha e a' sgapadh. |
31. Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi a h‑uile peacadh agus toibheum air am mathadh do dhaoine, ach cha bhi toibheum an aghaidh an Spioraid air a mhathadh. |
32. Ge b' e cò a bhruidhneas facal an aghaidh Mac an Duine, thèid a mhathadh dha, ach ge b' e cò a bhruidhneas an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha tèid a mhathadh dha, an dara cuid anns an t‑saoghal seo no anns an t‑saoghal a tha ri thighinn. |
33. “An dara cuid dèanaibh a' chraobh math agus a toradh math, no dèanaibh a' chraobh truaillidh agus a toradh truaillidh, oir is ann air a toradh a dh'aithnichear a' chraobh. |
34. A shìol nan nathraichean‑nimhe! Ciamar as urrainn dhuibh rudan matha a ràdh, agus sib' fhèin olc? Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh am beul. |
35. Bheir duine math rudan matha a‑mach às a dheagh ionmhas, agus bheir an duine olc rudan olc a‑mach às a dhroch ionmhas. |
36. Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas airson gach facal mhì‑chùramaich a chanas iad, air latha a' bhreitheanais. |
37. Oir led fhacail thèid d' fhìreanachadh, agus led fhacail thèid do dhìteadh.” |
38. An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean agus dhe na Pharasaich e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh comharra fhaicinn uat.” |
39. Ach fhreagair esan, ag ràdh, “Tha ginealach olc is adhaltranach a' sireadh comharraidh, ach cha tèid comharra sam bith a thoirt dhaibh ach comharra an fhàidh Iònah. |
40. Oir dìreach mar a bha Iònah trì latha is trì oidhcheannan ann am broinn a' chreutair‑mara mhòir, 's ann mar sin a bhios Mac an Duine trì latha is trì oidhcheannan ann an cridhe na talmhainn. |
41. Èiridh muinntir Ninebheh anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iadsan aithreachas aig searmon Iònah agus, seall, tha nas motha na Iònah an seo. |
42. Èiridh banrigh na h‑àird a deas anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh i e, oir thàinig i o chrìochan na talmhainn a chluinntinn gliocas Sholaimh, agus, seall, tha nas motha na Solamh an seo. |
43. “Nuair a tha an spiorad neòghlan air a dhol a‑mach à duine, thèid e tro àiteachan gun uisge a' sireadh fois, agus chan fhaigh e i. |
44. An uair sin canaidh e, ‘Tillidh mi dham thaigh às an tàinig mi.’ Agus nuair a thig e, gheibh e falamh e, air a sguabadh 's air a chur an òrdugh. |
45. An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.” |
46. Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris. |
47. Thuirt cuideigin ris, “Seall, tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh ag iarraidh bruidhinn riut.” |
48. Ach fhreagair esan an duine a dh'innis seo dha, “Cò i mo mhàthair, agus cò iad mo bhràithrean?” |
49. Agus a' sìneadh a‑mach a làimh gu a dheisciobail, thuirt e, “Seall, mo mhàthair agus mo bhràithrean! |
50. Oir ge b' e cò a nì toil m' Athar‑sa a th' air nèamh, 's e sin fhèin mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.” |